The Mudcat Café TM
Thread #169276   Message #4091701
Posted By: GUEST
05-Feb-21 - 08:48 PM
Thread Name: Lyr Add: Chi Mi Bhuam (I See in the Distance)
Subject: RE: Lyr Add: Chi Mi Bhuam (I See in the Distance)
This version was written by Alexander "The Ridge" MacDonald. It is sung with more speed and swing than what Karen Matheson uses with the above.

CHI MI BHUAM

Chì mi bhuam, fada bhuam,
Chì mi bhuam, ri muir làin;
Chì mi Ceap Breatuinn mo luaidh   
Fada bhuam, thar an t-sàil.

Chì mi Créiginis nan craobh,
Le cuid aonaichean àrd;
'S an Rugh' Fada tha ri taobh'
Gheibhte maoin ann 'us barr.

Bha na Glaisrich ann gun eis,
Bheireadh feum as an fhal;
Bha iad modhail, bha iad gleusd',
Bha iad speiseil 'nan ghaths.

Chì mi Siudaig nam fear cruaidh,
Chì mi Bruaich nam fear àrd,
Bha Clann Sheumais ann ri uair -
Laoich a bhuanaicheadh blar.

Bha iad fearail, bha iad treun,
'S iad gun eucoir 'nan cail;
Ach nuair chasadh iad gu streup
'S iad nach geilleadh do namh.

Chì mi Sestico nan tur,
'S am bheil buthan 'us sraid;
Chì mi Màbou air a' chùl--
B' i sid duthaich mo ghraidh.

'S e na thug mi dhi de m' rùn
Rinn mo dhusgadh gu dan,
'S gu bheil m' fharmad ris gach gnuis
Tha mu bru'ichibh a tamh.

Gu bheil togradh ann am inntinn
Bhi leibh mar a bha,
Ged tha fios agam 'us cinnt
Ribh nach till mi gu brath.

Chì mi cladach Meinn a' Ghuail,
'S am bidh buar agus gran;
'S Rugh an t-Seallaidh fad mu thuath,   
Creagach, fuar agus àrd.