The Mudcat Café TM
Thread #169305   Message #4091880
Posted By: RunrigFan
06-Feb-21 - 07:42 PM
Thread Name: Lyr Add: An t-Aodainn Ban
Subject: Lyr Add: A
Bho'n dh'fhàg mi'n tir 's am b'eaolach mi
Gur mór mo bhròn 's mo chaoidh
Chan fhaic mo nis na cnocanan
Na sluichd agus na h-uilt
Gur fada bho mo chàirdean mi
Ach 's làidir is 'nam chuimhn'
'S na guthan chuireadh fàilt' orm
An dràsda mi cha chluinn

'S na cnocan àrda duatharrach
A shuathas anns na nèoil
Chan eil 's an tir nas bòidhch' na iad
Le fraoch orra mar chleochd
'S gun dùn am bàs mo shùilean-sa
'S nach fhaic 's nach cluinn mu'n còrr
Bi mi' uidh 's an Eilean Sgiathanach
A dh'àraich mi o m'òig

Nuair dhealras grian an t-shamhraidh
Air na bruthaichean as àill'
'S a chi thu fa's na flùraichhean
As boidhche fo na nèoil
Chan fhacas riamh leo' gàradair
No làmh cha deach nan còir
Ach 'fàs o bhuidhean nàduir
Tha gach tom, gach lus, gach ròd

Is fhada bho'n àite mi
'S an d'fhuair mi m' àrach og
Is fhada bho'n a Ghàidhlig mi
A bàrdachd is a cèol
Cha chluinn mi bhith cuir fàilt' orm
Le "Ciamar tha thu shèoid?"
'S gu bràth mi dhith cha dhi-chuimhnich
Gun caradh mi fo'n fhòd

'S an t-Aodann Bàn cha'n fhàg mi e
Gun rann chur as a dheidh
Tha móran dhe mo chàirdean ann
'S ann as a tha mi féin
Tha ann an tàmh mo phàrantan
A thog 's a leig mo chèis
'S cho fad 's a bhios ann àit aca
Bi àit' agam dha'n teid

Written by Calum MacFarlane

music.apple.com › album › nuair-bha-mi-òg

https://www.ebay.co.uk/itm/Arthur-Cormack-Nuair-Bha-Mi-Og-CASSETTE-Gaelic-singing/371817870776?hash=item56921275b8:g:LWIAAOxyUrZS28fn

The tune is from https://www.youtube.com/watch?v=84H4tTFDa9Q