The Mudcat Café TM
Thread #169432   Message #4094685
Posted By: RunrigFan
24-Feb-21 - 06:01 PM
Thread Name: Lyr Add: An Till Mi Tuilleadh Leòdhas
Subject: Lyr Add: An Till Mi Tuilleadh Leòdhas
Written by William MacKenzie.

href="https://pointpoetry.fandom.com/wiki/Uilleam_MacCoinnich">https://pointpoetry.fandom.com/wiki/Uilleam_MacCoinnich

https://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/uilleam_maccoinnich/

https://www.youtube.com/watch?v=9Tg-TilBJys - Possible relative of William

The CD booklet gives Uillam (William death as 1857-1902. The BBC Alba link gives it as 1907.

Perhaps Guest.Rory may know

This is from Brian Ó hEadhra and Christine Primrose album An Turas

Joan MacKenzie sung it but not sure if same words were sung

Chorus

An till tuilleadh Leòdhas
An till dh'fhuireachd mo sheallainn
An till tuilleadh Leòdhas
No 'm faigh mi gu bonn Cnoc Chùsbaig

'S an ann bha mo mhàthair àrach mi òg
'S an ann bha na làithean a b'fheàrr bha mo dhòigh
'S an ann le mo Mhàiri 's mo phàisdean 's iad òg
Eadar a Bhuail-fheòir is Cnoc Chùsbaig

Chan eil iasg thig air dubhan no shiùbhlas a cuan
Nach bi 'n àm an Earraich tighinn bho'n ear is bho thuath
'S chaidh iomadach eallach mi madainnean fuar
Dhe na ghlac mi chur suas a Cnoc Chùsbaig

Bha crodh agus caoraich 's tigh saor agam ann
'S mi cumail mo chridhe ri taobh Dhòmhnuill Dhuinn
Nuair thigeadh droch thìde le gaoth far nam beann
Bhiodh sinne fo bhonn Cnoc Chùsbaig

'S gach àm dhan am latha bu mhath a bhith ann
Moch a's a' mhaduinn no feasgar na h-oidhch'
'S m'an rachadh iad chadal nuair theannadh am oidhch'
Bhiodh sinne ri seinn an Cnoc Chùsbaig

'S e 'n Dia tha am Breatunn tha 'n taobh seo dhen t-sàl
'S e riaghladh nam gleanntan 's nam beanntan gu h-àrd
'S e Righ os cionn Rìghrean tha rìioghachd gu h-àrd
Tha sinn fosgailt' gach là dha shùilean