The Mudcat Café TM
Thread #41757   Message #4101272
Posted By: RunrigFan
07-Apr-21 - 07:41 PM
Thread Name: Lyr Req: Gun Teann Mi Ris Na Ruinn Tha Seo
Subject: RE: Lyr Req: Gun Teann Mi Ris Na Ruinn Tha Seo
Gun teann mi ris na ruinn tha seo a-nis a sgrìobhadh sìos
'S mi anns a bhàt' a cuimhneachadh air tìr nan glinn as brèagh'
Far am b'òg a bha mi uaireigin dol cuairt don Charragh Liath
A dh'fheitheamh air na lachain ann 's a mhadainn tighinn on iar

Bhiodh grunn de dh'àrmunn chòir againn nuair thòisicheadh an t-sealg
Is chliunneadh tus' an stàirneanaich "bombardaigeadh" bhiodh garbh
Cuid a faighinn beò às dhiubh cuid eile leòint' is marbh
'S na coin gan tòirt air tìr thugainn as ìnnean nan tonn garbh

Is iomadh sgrìob a thug mi ann nuair bhiodh an t-sìde doirbh
Is ealach thug mi dhachaidh às de dh'eòin ghlas agus sgairbh
Sin dh'fhàgadh m'inntinn sòlasach nuair chithinn torr dhiubh marbh
'S mun tigeadh àm bhi tarruinn às bhiodh gad dhiubh dheànamh dearbht'

capercaillie might be wrong