The Mudcat Café TM
Thread #168550   Message #4108993
Posted By: RunrigFan
05-Jun-21 - 11:06 PM
Thread Name: Lyr Add: Oran na Cloiche (re Stane of Destiny)
Subject: RE: Lyr Add: Oran na Cloiche (re Stane of Destiny)
‘Si u ro bha ho ro hillium bo ha
Hillium bo ruaig thu i hillium bo ha
‘S i u ro bha ho ro hillium bo ha

A’ chlach a bha mo sheanmhair
‘S mo sheanair oirre seanchas,
Air tilleadh mar a dh’fhalbh i
Mo ghalaghad a’ Chlach
‘S gur coma leam an Cearrara
An Calasaraid no‘n Calabhaigh
Cho fad’s a the i‘n Albainn
Nan garbhlaichean cas


Ga cur an aite tearmainn
A chumas i gu falachaidh
‘S nach urrainn nach dearg iad
Air sgealb dhith thoirt as
A’ chlach a chaidh a dhìth oirnn
Air faighinn anns an inghaim
‘S gu deimhinne, ma thill i
Tha ‘n nì sin gu math

'S bha ministeir cho tùrsach
'Sa mhadainn 'nuair a dhùisg e
‘S praban air a shuilean
A’ tionndadh am mach
E coiseachd feadh an urlar
Ag ochanaich ‘s ag urnaigh
‘S a’ coimhead air a’ chùil
Anns an do’ ionndrainn e a chlach

Sin far robh an stareachd
S an ruith air feadh an lair ann
Gun smid aige ri raitinn
Ach cait an deach a’ chlach?
Sa Mhoire, Mhoire, Mhàthair
Gu de ni mise maireach
Tha fios am gu'm bi bhanruinn
A’ fagail a beachd

From Mairi MacInnes from Orosay

Not sure if translation is similar