The Mudcat Café TM
Thread #169963   Message #4109387
Posted By: RunrigFan
08-Jun-21 - 06:04 PM
Thread Name: Lyr Add: Carlabhagh
Subject: Lyr Add: Carlabhagh
Tha ceòl air mo bhilean 's mo chride ri leum
Lùiginn gu cluinnadh an saoghal mo sgèul
Tha 'm fòrladh air tighinn 's mo chead agam fhèin
'S mi gahbail mo cheum gu Càrlabhagh
Aite mo ghaoil tha mise dol ann

Mur a b'e 'n cuan 's nach urrain dhomh shnàmh
Cha leigeadh mi shubhachas dhomh bhith 'n am thàmh
Gu siubhlainn le cabhaig 's mo chas air a bàrr
Thar monadh is sàl gu Càrlabhagh
Aite mo ghaoil tha mise dol ann

An dùil a bheil fhathast far n' fhog sinn an càrn
Ri taobh nead na starraig na clachan an àird
An dùil fhathast am maide le m'ainm
Mar chuimhneachan orms' an Càrlabhagh
Aite mo ghaoil tha mise dol ann

'S e chanadh tu rium 'A bheil thu 'nad chèill?
Tha àitichean eile nas maisich ' fo'n ghrèin
Ma thug thu do chride dha uile gu lèir
Carson a rèist a dh'fhàg thu e?
Aite mo ghaoil tha mise dol ann