The Mudcat Café TM
Thread #99111   Message #4109524
Posted By: Felipa
09-Jun-21 - 06:28 PM
Thread Name: Lyr Req: Jessie MacDonald of Balranald
Subject: RE: Lyr Req: Jessie MacDonald of Balranald
I found this transcription of some of the verses given in this discussion thread. Unfortunately, no background notes are given

https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/failte_dhut_is_slainte_leat/ - but there are more verses at http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/alltandubh/orain/Failte_Dhut.html

Fàilte Dhut is Slàinte Leat

Sèist /[chorus]

Fàilte dhut is slàinte leat,
'S i 'n fhàilte chuirinn às do dhèidh,
Fàilte dhut is slàinte leat.


’Fhleasgaich òig a dh’fhàg an dùthaich,
’S e mo dhùrachd dhut gu dian
Turus taitneach ’s ruigheachd sàbhailt’
Dh’ionnsaigh ’n àit’ an d’rinn thu triall.

Bho’n a dh’fhàg thu càirdean gaolach,
Tha gach aon fo àmhghar geur;
Tha gach sean is òg fo mhì-ghean,
Is gach nìonag sileadh dheur.

’S tric ’sa mhaduinn leis a’ pheileir,
Leag thu ’n eilid air an tom,
’N coileach dubh air slios na mòintich
Agus ròn air bhàrr nan tonn.

’S tu bha aoidheil ’measg nan gaisgeach,
Oigear gasda nam fear fial;
Cridhe mór an com an uasail,
Ort bu shuarach a bhi crìon.

’S iomadh té a tha glé mhòdhar
Is an t-òr aice ’na mhill,
Leis am b’fheàrr aic’ thu r’a guallainn,
Na aon uachdran anns an tìr.

Aodann aoidheil làn de chàirdeas,
Beul a’ mhànrain gun bhi fiar;
Is làmh dheas air cùl a’ bhotuill
’Lìonadh copas bras ’na triall.

Nàile, ghuidhinn dhuit gun bhrosgal
Slàinte, sonas, agus miadh;
’S cuibhl’ an fhortain ’bhi dol timcheall
Ceart mar fhreagras i do d’ mhiann.

sung by Mikaela agus Donnchadh MacIlleMhìcheil