Seinnibh le othail e O horo èileadh; Seinnibh le othail e O horo èileadh; Fàillirinn ìllirinn Hù horo èileadh B' e m' aighear, 's mo shùgradh 'S mo dhùrachd bhith rèidh ribh.
'S a' mhaduinn mhoich, chùbhraidh Bu shùgradh leam m' èirigh; Bha litir gu m' ionnsaidh, 'S le sùnnd rinn mi leughadh, Ag innseadh gu diùlaidh; 'S bu shùgradh leam fhèin e, G' eil òigridh mo dhùthcha A' dùsgadh gun èislein.
Commun na beannachd Tha 'n Glaschu còmhnaidh, Uibhistich is Barraich, Gach caileag is òigear; Cumaibh gu dìleas Nur cuimhne ri 'r beò iad, Eileanan rìomhach, Is prìseil bhur n-òige.
Bu bhòidheach an sealladh Sa mhaduinn mhoich, chèitein, An fhairge mar gloinne, Gun smal air na speuran, Raointean, is gleannan, Is beannan glas', geugach Uibhist is Bharraigh Ag amharc a chèile.
An fhairge ri altramas Caisteal a' Bhàigh dhaibh; Ormacleit ghlacach Toirt eachdraidh Chloinn Ràghaill; Baile nan Cailleach Is machraichean Bhàllaidh, 'S càit' eil nas bòidhche Na leòidean Creag Àsdainn?
Na h-Eileanaich ainmeil An seanachas 's am bàrdachd; 'S minig a dhearbh iad Bhi garg air chùl stàillinn; Bu ghleusda, neo-chearbach Air fairge no tràigh iad; 'S gur h-eutrom, grinn, dealbhach Air garbhlach no sràid iad.
Bha daoine bhon d' thàinig sibh Làidir sa chòmhraig, 'S cinn-chinnidh neo-sgàthach 'S na blàraibh gan seòladh, Tighearna Chlann Ràghaill Is àrmainn Chlann Dòmhnaill, 'S Mac Nèill nan long luatha Gu cuantan a shròiceadh!
Gun èireadh mo nàdar Le bàidh agus pròis leam Nuair chithinn an làrach 'S 'n do dh'àraicheadh "Flòraidh"; Bidh cuimhne gu bràth Air gnìomh gàbhaidh na h-òigh sin, Mar shàbhail i Teàrlach Bhon ghràisg a bha 'n tòir air!
Nuair chruinnicheas an còmhlan ud Còmhla gu sùnndach, Na maighdeannan bòidheach 'S na h-òigeirean lùthar; Bidh pìob nan dos àrda La gàirich à siùnnsair Cur Eileanaich ghreannmhor Nan deann air an ùrlar!
Commun mo rùin nach Cuir cùl ris a' Ghàidhlig, Labhradh air tùs i, gu Ciùn, anns a' Ghàradh, Cànain ro chlùiteach a Dh' ionnsaicheadh tràth dhaibh, Gu h-aoidheil, binn, mùirneil, Aig glùinean am màthar.
Thoir uamsa ceud soraidh Gu banal mo shùgraidh. 'S gun cruinneacheadh geanail Am baile na h-ùpraid; Gach nì bhi mar 's math leibh, 'S mo bheannachd dar n-ionnsaidh, Gach Uibhisteach 's Barrach Tha fada bho 'n duthaich!