The Mudcat Café TM
Thread #169992   Message #4110102
Posted By: RunrigFan
14-Jun-21 - 07:14 AM
Thread Name: Lyr ADD: Laoidh An Iasgair
Subject: Lyr Req: Laoidh An Iasgair
Dia bhith timcheall ar an sgothaidh
Mun imich i gu doimhneachd mara
Slig' air linne dhuinn a treuntachd
Mur eil freasdal Dè ga faire.

Faiceamaid do shoillse, Mhoire,
Nuair tha stoirm is oidhche gleac rinn;
Gura tusa Reul an Mara,
'S e fair' an èiginnich do chleachdadh.

Aingeal ghil dèan thusa iùil dhuinn
Threòraicheas ar siùbh'l feadh gharbh thonn
Sgiath do chùraim sgaoil mun cuairt duinn
Nuair chinneas gruaim air gnùis na fairge.

Guidheamaid do thaic-sa, Pheadair,
Gun thu leigeil beud nar caramh:
Chuireadh muinntir cuain nad fhreasdal
Teasraig sinn bho as-call mara.

Gura buidhe dhuinn an cosnadh
Bha na h-Ostail fhèin a' cleachdadh:
'S minig bha mac Dè nan cuideachd'
Cur an tuigse dhuinn a thlachd deth.

Dhia, beannaich dhuinn ar driamlach,
'N lìon, 's gach inneal-glacaidh th' againn;
Iomain thuca mar is iomchaidh
Sprèidh tha ' ionaltradh san aigeann.

Beannaich thusa dhuinn ar curachd,
Chan urrainn dhuinn nach tig cuibheas oirre:
Gu mealamaid a' Bheannachd Bharrach –
Toradh mara à Cuile Mhoire.

Nuair is fheudar dhuinn bhith tilleadh
Stiùir thu cinnteach sinn gu cala
Ma chuir thu oirnne seach ar feuma
Chan fhaicear leinn an dèirceach falamh.

Na leig thugainn bàs le graide,
Òrdaich sagart bhith mur timcheall;
Naomhaich led Ola 's led Chorp sinn
Mun teid anam bochd air iomrall.