The Mudcat Café TM
Thread #169992   Message #4110103
Posted By: RunrigFan
14-Jun-21 - 07:23 AM
Thread Name: Lyr ADD: Laoidh An Iasgair
Subject: RE: Lyr Req: Laoidh An Iasgair
Dia bhith timcheall ar an sgothaidh
Mu'n imich i gu doimhneachd mara
Slig' air linne dhuinn a treuntachd
Mur'eil freasdail Dè ga faire.

Aingeal ghil dèan thusa iùil dhuinn
Threòraicheas sinn feadh gharbh thonn
Sgiath do chùram sgaoil mu'n cuairt duinn
Nuair chinneas gruaim air gnùis na fairge.

Guidheamaid do thaic-sa Pheadair,
Gun thu leigeil beud na ar caramh:
Chuireadh muinntir cuain nad' fhreasdal
Teasraig sinn bho as-call mara.

Nuair is fheudar dhuinn bhith tilleadh
Stiùir thu cinnteach sinn gu cala
Ma chuir thu oirnne seach ar feuma
Cha'n fhaicear leinn an dèirceach falamh.

Dia bhith timcheall ar an sgothaidh
Mun imich i gu doimhneachd mara
Slig' air linne dhuinn a treuntachd
Mur eil freasdail Dè ga faire.

As recorded by Mairi MacInnes - Orosay - 2001