The Mudcat Café TM
Thread #169993   Message #4110118
Posted By: RunrigFan
14-Jun-21 - 09:41 AM
Thread Name: Lyr Add: Oran Uibhist
Subject: Lyr Add: Oran Uibhist
O, 's gur tùrsach, tùrsach mi,
Nam bitheadh mo dhùil ri triall
À Uibhist nam beann àrda -
'S ann thugad tha mo mhiann;
Gur òg a fhuair mi m' àrach ann
Nam phàisde beag gun chiall -
Is bòidheach leam do thràghannan
Is gàir a' Chuain an Iar.

'S nuair thèid mi chun a' mhachaire
Air feasgar samhraidh ciùin,
'S na neòineanan cho cùbhraidh
'S an sùilean dùint' fon driùchd,
Nuair sheallainn ri Loch Hàllainn
'S na bric ri tràigh a' leum,
Bu phailt an eala bhàn ann
'S na h-eòin a' snàmh na dèidh.

'S nuair dhìreas mi Cnoc Hàllainn
'S a sheallas mi mun cuairt,
Mo chompanaich 's mo chàirdean
'S cuid dhiubh a' cnàmh san uaigh;
Nuair shuidhinn air a' ghàrradh
'S mi coimhead far na bruaich,
Mi smaointinn air an t-saoghal
'S na daoine gan toirt bhuainn.

'S cha chreid mi fhìn gur dìochuimhn' leinn
Na bliadhnaichean a bh' ann;
Na diùlnaich, chan eil sgeul orra,
'S iad tìodhlaicte san Fhraing;
Dh'fhàg mnathan òga 's pian orra,
'S gun sìon aca dhan chloinn,
'S am fear a dhèanadh gnìomh riutha,
Gur fhad' o chrìon a chom.

'S gun cuala h-uile h-aon agaibh
An taobh tha 'n uamha àrd
Far an deach am Prionns' air falach ann
Nuair tharraing e bhon bhlàr.
Bha saighdearan le gunnachan
Ga shiubhal is ga lorg;
Is e mar eun air allaban
A' falach air an t-seòig.

Is chì mi crodh air pàirceannan
Is caoraich bhàn nan slèibh,
Uain òga agus fonn orra
Air feadh nan tom a' leum;
A' mhil air bhàrr nam flùraichean,
Ga sùghadh aig a' ghrèin,
'S a' chuthag is "gu-gùg" aice,
Ga clùmhadh air gach geug.

'S their mise 'n cliù do Dhalabrog
'S na bheil ann, sean is òg,
Ged 's iomadh àit' dhen t-saoghal
Sam faodainn-sa bhith beò;
Gur ann bu tric a bhuach'llich mi
An sprèidh ri bruaich nan lòn,
Is na laoigh bheag' air theadhraichean
A' leum air cheann nan ròp.

Ach sguiridh mi dhen òran seo
'S dhem ghòraiche gun bhuaidh -
Thaobh 's gu bheil an òig' agam,
Cha chòir dhomh bhith fo ghruaim;
'S ged gheibhinn aois a liathadh mi
'S a bheireadh dhìom a' ghruag,
Cha leig mi chaoidh a dhìochuimhn'
Uibhist ghrianach nan gleann uain'.

https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/oran_uibhist/


Written by Donald Allan MacDonald