The Mudcat Café TM
Thread #170028   Message #4111046
Posted By: RunrigFan
22-Jun-21 - 06:03 PM
Thread Name: Lyr Add: Cha Bhi Mi Buan (Scottish Gaelic)
Subject: RE: Lyr Add: Cha Bhi Mi Buan (Scottish Gaelic)
Cha bhi mi buan ’s tu bhith bhuam
Thug mi luaidh òg dhut
Cha bhi mi buan ’s tu bhith bhuam

Chì mi ’m bàta dol seachad
Muir a’ sgapadh na bòrdan

Mura deachaigh mi mearachd
Bha mo leannan ga seòladh

Bha mo leannan ga stiùireadh
Òigear ùr a’ chùil bhòidhich

Òigear ùr a’ chùil bhuidhe
O, b’ aithne dhomh òg thu

’S e do bhòidichean fada
’S ghaol, a Lachlainn, a leòn mi

O, nam faicinn thu tighinn
’S mi gu ruitheadh nad chòmhdhail

’S mi gu ruitheadh na do choinneimh
Air mo bhonnan gun bhrògan

Ged tha reothadh glè chruaidh ann
’S sneachda fuar air a’ mhòine