The Mudcat Café TM
Thread #29051   Message #4111543
Posted By: RunrigFan
26-Jun-21 - 09:36 PM
Thread Name: Lyr/Chords Req: gaelic songs
Subject: RE: Lyr/Chords Req: gaelic songs
Tha mi nam shidh' bho dh'èirich a' ghealach an-raoir
A' cur teine sìos gun sgìth is i fada gu geur
Tha muinntir an taighe nan laighe is mise leam fhèin
Tha na coilich a' gairm 's an saoghal nam cadal ach mi

Dh'innsieadh iad dhuinn gur claoite an galar an gràdh
Cha do dh'aidich mi e no gun robh e an dèidh mo chridhe a chràdh
Bho aicid ro-gheur, ochoin cha sheachnainn-sa i
Chur i saighead is ceud gu geur tro mheadhain mo chridh'

'S iad a's àilleadh leam fhèin - do bheul do mhalla is do ghruaidh
Do shùil ghorm glè-gheal a thrèig mi aiteas is suairc
Le cumha nad dhèidh cha lèir dhomh am bealach a shiubhal
Is a charaid mo ghràidh tha na slèibhtean eadar mi 's tu

Choinnich bean-sìdhe rium shìos aig Lios Bheal an Àtha
is dh'fhaighnich mi dhi am fosgladh glas sam bith gràdh
Is thuirt i gu h-ìosal am briathran socair is sèamh
"Nuair a thig e nad chridhe cha sgaoiltear às e gu bràth

Scottish Gaelic translation from Brian Ó hEadhra