The Mudcat Café TM
Thread #170049   Message #4111672
Posted By: RunrigFan
27-Jun-21 - 10:19 PM
Thread Name: Lyr Req: 'S Truagh Nach D' Rugadh Dall Mi
Subject: Lyr Req: 'S Truagh Nach D' Rugadh Dall Mi
source https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/s_truagh_nach_d_rugadh_dall_mi/

a relationship song written by William Ross

Fil ò ro, fil ò ro, fil ò ro hug èile,
Fil ò ro, fil ò ro, fil ò ro hug èile,
Air fal li li ò agus hò rò hug èile,
Chan fhaigh mi cadal sàmhach,
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium.

Is truagh nach robh mis' agus tusa far an iarrainn,
Sia latha na seachdain, is seachd, ochd bliadhna,
An seòmraichean glaiste le clàidheanan iarainn,
Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh.

Is truagh nach d' rugadh dall mi, gun chainnt is gun lèirsinn,
Mus fhac' mi t-aghaidh bhaintidh, rinn aimhleas nan ceudan.
Bhon chunnaic mi bho thùs thu bu chliùiteach do bheusan,
'S gum b' fhasa leam am bàs na bhith làthair às t-eugmhais.

Bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan,
Na cuthag sa mhadainn Mhàighe no clàrsach nan teudan,
Nan t-easbaig air latha Dòmhnaich, 's am mòr-shluagh ga èisteachd,
Na ged a chunntadh stòras na h-Eòrpa gu lèir dhomh.

Is truagh nach robh mi fàgail an t-saoghail seo ro-chianail:
Bha dòchas faoin gam thàladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail,
Ge fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìleas,
'S nuair thigeadh Latha na Cruinne 's e Mòr Ròs a dh'iarrainn.