The Mudcat Café TM
Thread #170049   Message #4111674
Posted By: RunrigFan
27-Jun-21 - 10:29 PM
Thread Name: Lyr Req: 'S Truagh Nach D' Rugadh Dall Mi
Subject: RE: Lyr Req: 'S Truagh Nach D' Rugadh Dall Mi
Fil ò ro, fil ò ro, fil ò ro hug èileadh
Fil ò ro, fil ò ro, fil ò ro hug èileadh,
Air fal li li ò agus hò rò hug èileadh,
Chan fhaigh mi cadal sàmhach,
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium.



Is truagh nach d' rugadh dall mi gun chainnt is gun lèirsinn,
Mus fhac' mi t-aghaidh bhaintidh, rinn aimhleas nan ceudan?.
Bhon chunnaic mi bho thùs thu bu chliùiteach do bheusan,
'S gum b' fhasa leam am bàs na bhith làthair às t-eugmhais.

Is truagh nach robh mise agus tusa far an iarrainn,
Sia là na seachdain is seachd, ochd bliadhna,
An seòmraichean glaiste le clàidheanan iarainn,
Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh.

Bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan,
Na cuthag sa mhadainn Mhàighe no clàrsach nan teudan,
Nan t-easbaig air là Dòmhnaich, 's am mòr-shluagh ga èisteachd,
Na ged a chunntadh stòras na h-Eòrpa gu lèir dhomh.

Is truagh nach robh mi fàgail an t-saoghail seo ro-chianail:
Bha dòchas faoin gam thàladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail,
Ge fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìleas,
'S nuair thigeadh Là na Cruinne 's e Mòr Ròs a dh'iarrainn.

as sung by Brian Ó hEadhra from his album An t-Allt