The Mudcat Café TM
Thread #41727 Message #4129758
Posted By: Felipa
23-Dec-21 - 10:32 AM
Thread Name: Help: Scottish text to Silent Night
Subject: RE: Help: Scottish text to Silent Night
Oidhche shàmhach, oidhche naomh, cadal ciùin tha air an t-saogh’l Màiri is Iòsaph ‘san stàbull fhuar A' freasdal a’ phàisd tha àlainn ‘na shnuadh, An sìth o nèamh ‘na shuain, an sìth o nèamh ‘na shuain.
Oidhche shàmhach, oidhche naomh, B'e buachaill chunnaic fòs an t-soills 'S a chuala farsaing feadh na tìr An t-sèisd bh’ aig ceòl an ainglean binn: Tha Crìosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir, Tha Crìosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir.
Oidhche shàmhach, oidhche naomh, Aon Mhac Dhé, cho maiseach leinn; Tha gràdh a' boillsgeadh oirnn bho d' ghnùis 'S tha uair nan gràs an-dràsd' dhuinn dlùth, Shlànaighear, o’n rugadh tu, Shlànaighear, o’n rugadh tu.
Sàmhach an oidhch’ Naomh an oidhch’ Saoghal na chadal a-mach bho ar soills’ Moire is Iòseph an stàball fàs Faire os cionn an Leinibh le gràdh, Cadal gu nèamhaidh sèimh, Cadal gu nèamhaidh sèimh.
Still the night, Holy the night, Sleeps the world, hid from sight, Mary and Joseph in stable bare, Watch o'er the child, beloved and fair, Sleep in heavenly peace, Sleep in heavenly peace. Next »
better known version:
CIÚIN AN OIDHCHE
Ciùin an oidhch‘, naomh an oidhch‘, Saoghal sèimh, balbh gun soils‘, Moire is Iòsaph, a’ chàraid gaoil, Caithris an naoidhein bheannaichte, chaoimh, Suaint’ ann am foist ha bho Nèamh, Suaint’ ann am foist ha bho Nèamh.
Ciùin an oidhch', naomh an oidhch', Nochd na reul a b' àille soills’ Do na Cìobairean shuas air a' bheinn ‘S chualas ainglean le aoibhneas a' seinn: Crìosd ar Fear-saoaidh a th' ann, Crìosd ar Fear-saoaidh a th' ann.
Ciùin an oidhch', naomh an oidhch', Aon Mhic Dhè 's àille loinn, Gràdh a' dortadh oirnn bho do ghnùis, Aoibhneach an uair is Tu còmhnaidh rinn dlùth: Fàilte dor Slanaighear caoin; Fàilte dor Slanaighear caoin.