The Mudcat Café TM
Thread #171202   Message #4140444
Posted By: RunrigFan
28-Apr-22 - 11:48 AM
Thread Name: Lyr Add: Tha Mi Duilich, Cian Duilich -Gaelic WW1
Subject: RE: Lyr Add: Tha Mi Duilich, Cian Duilich -Gaelic WW1
Tha mi duilich, cianail, duilich,
Tha mi duilich, ’s cianail tha mi
Bhon a chunna mi le m’ shùilean
Sealladh tùrsach mo chuid bhràithrean.

Gillean Gàidhealtachd na h-Alba,
Feadhainn tha marbh is nan clàraibh
Anns an fhàsaich ’s iad nan sìneadh,
An neart ’s an clì air am fàgail.

A luchd nan èilidhean tartain,
A luchd nan gartannan sgàrlaid,
’S duilich leam nach fhaod sibh dùsgadh,
Sibhse, luchd nan glùinean àlainn.

Tha mo chridhe brùite cianail,
Tha mo shùil on deur air tràghadh,
’S nach aithnich mi sibh air ur n-ìomhaigh
Bhon a riaghladh leis a’ bhàs sibh.
Tha ‘r leapannan fliuch ’s gur fuar iad,

’S cruaidh ur cluasagan gun chàradh,
Le uisge tàmh air an uachdar –
’S duilich leam an uair a thàrr sibh.
’S trom an cadal th’ air na fiùrain

Chuireadh ormsa sunndach fàilte,
Lem bu mhiann a bhith nam chòmhradh
Cur mun cuairt nan òran Gàidhlig.

Chì mi roinn eile mun cuairt dhiubh,
Crois air a cur suas aig pàirt dhuibh,
Ainm an laoich ’n siud oirre sgrìobhte
Dhèanadh innse dhuinn gun d’ fhàg e.

Chì mi brògan agus aodach,
Chì mi aodainn agus làmhan
Nochdte an talamh na Frainge
Far ’n do chaill mi mo chuid bhràithrean.

Siud far am bi ’n latha brònach –
Na faicibh neònach dhòmhs’ a ràidhtinn:
Nuair a thilleas na bhios beò,
’S e ’n roinn ro mhòr bhios air am fàgail.

Ach nuair thèid an t-sìth a dhùnadh,
Gunnaichean gach aon dhiubh sàmhach,
Teine dealaichte bhon fhùdar,
Nàimhdean cùl ri cùl a’ màirdseadh –

Facal dhuibh gur anns an uair ud
Thèid an t-saighead chruaidh sa mhàthair,
Anns an athair, anns a’ ghruagaich
Dh’fhàgadh san uair seo gun bhràthair.

Siud nuair bhios an cridhe cianail,
Siud nuair thèid an sgian a shàth’dh ann,
Siud nuair ghealaicheas an ciabhag –
’S ann le deuchainn a’ bhlàir seo.

Ach misneachd do gach fear is tè dhibh,
Is leughaibh gu lèir na h-àithntean
’S seallaibh Ris-san a rinn èirigh
Ged a cheusadh E le nàmhaid.