The Mudcat Café TM
Thread #60526   Message #4143497
Posted By: Felipa
06-Jun-22 - 03:04 PM
Thread Name: Lyr ADD: Cumha Coire Cheathaich
Subject: Lyr Add: Cumha Coire Cheathaich
The links posted previously on this thread no longer work. Here is the text of Cumha Coire Cheathaich as provided by https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/cumha_coire_cheathaich/

Cumha Coire Cheathaich

Is duilich leam an càradh
Th' air coire gorm an fhàsaich,
An robh mi greis am àrach
Sa Bhràighe seo thall;
'S iomadh fear a bhàrr orm
A thaitneadh e ra nàdar,
Nam biodh e mar a bha e
Nuair dh'fhàg mi e nall;
Gunnaireachd is làmhach,
Spurt is adhbhar-ghàire
Chleachd bhith aig na h-àrmainn
A b' àbhaist bhith sa ghleann.
Rinn na fir ud fhàgail,
'S Mac Eòghainn th' ann an-dràsta,
Mar chlach an ionad càbaig,
An àite na bh' ann.

Tha 'n coir' air dol am fàilinn,
Ged ithear thun a' bhlàir e,
Gun duin' aig a bheil càs deth
Mun àit' anns an àm;
Na fèidh a bh' ann air fhàgail –
Cha d' fhuirich gin air àrainn,
'S chan eil an àite-tàmha
Mar bha e sa ghleann.
Tha 'm baran air a shàrach',
'S dh'fhairtlich air an tàladh,
Gun sgil aig' air an nàdar
Ged thàinig e ann.
B' fheàrr dha bhith mar b' àbhaist,
Os cionn an t-soithich chàtha,
'S a làmhan a bhith làn dith,
Ga fàsgadh gu teann.

'S e mùthadh air an t-saoghal
An coire laghach gaolach
A dhol a-nis air faondradh
'S am maor a theachd ann;
'S gur h-e bu chleachdainn riamh dha
Bhith trusadh nan cearc biadhta –
Gur tric a rinn iad sianail
Le pianadh do làmh,
Is iad nam baidnibh riabhach
Mu t' amhaich 's ann ad sgiathan;
Bhiodh itealaich is sgiabail
Mu t' fhiaclan san am.
Bu ghiobach thu ri riaghailt
Mu chidsin taigh an Iarla,
Gar nach b' e do mhiann
Bhith cur bhian air an staing.

Ged tha thu nis sa Bhràighe,
Cha chompanach le càch thu,
'S a h-uile duin' a' tàir ort
On thàinig thu ann.
Is èiginn duit am fàgail
Nas measa na mar thàinig;
Cha taitinn thu rin nàdar
Le cnàmhan 's le cainnt.
Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach,
Nuair rachadh tu mun cuairt daibh,
Cha dèan thu ach am fuadachadh
Suas feadh nam beann,
Leis a' ghunna nach robh buadhmhor,
'S a' mheirg air a toll-cluaise -
Chan eirmis i na cruachan,
An cuaille dubh cam.

Tha choille bh' anns an fhrìth ud
Na cuislean fada dìreach
Air tuiteam is air crìonadh
Sìos às an rùsg;
Na prisean a bha brìoghmhor,
Na dosaibh tiugha lìonmhor,
Air seacadh mar gun spìont' iad
A-nìos às an ùir;
Na failleanan bu bhòidhche,
Na slatan is na h-ògain,
'S an t-àit am biodh an smeòrach
Gu mòdhar a' seinn ciùil,
Tha iad uil' air caochladh,
Cha d' fhuirich fiodh no fraoch ann,
Tha 'm mullach bhàrr gach craoibhe,
'S am maor ga thoirt diubh.

Tha Uisge Srath na Dìge
Na shruthladh dubh gun sìoladh,
Le barraig uaine lìth-ghlais,
Gu mì-bhlasta grànd';
Feur-lochain is tàchair
An cinn an duilleag-bhàthte -
Chan eil gnè tuilleadh fàs
Anns an àit' ud san àm;
Glumagan a' chàthair
Na ghlugaibh domhainn sàmhach,
Cho tiugh ri sùghan càtha,
Na làthaich 's na phlam;
Seann bhùrn salach ruadhain,
Cha ghlaine 'ghrunnd na uachdar -
Gur coslach ri muir ruaidh e,
Na ruaimle feadh stang.

Ach mas duine de shliochd Phàraig
A thèid a nis don àite,
'S gun cuir e às a làraich
An tàch'ran a th' ann,
Bidh 'n coire mar a bha e,
Bidh laoigh is aighean dàr' ann,
Bidh daimh a' dol san dàmhair
Air fàsach nam beann;
Bidh buic sna badan blàtha,
Na bric san abhainn làimh riu,
'S na fèidh air Srath na Làirge
Ag àrach nam mang.
Thig gach uile nì ga àbhaist,
Le aighear is le àbhachd,
Nuair gheibh am baran bàirlinn
Siud fhàgail gun taing

performed by Cliar

There are lyrics with translation at http://www.celticlyricscorner.net/cliar/cumha.htm (to be added at Mudcat later)