The Mudcat Café TM
Thread #136451   Message #4155315
Posted By: RunrigFan
16-Oct-22 - 06:43 PM
Thread Name: Lyr Req/Add: Loch Maree (Roy D. Ford)
Subject: RE: Lyr Req/Add: Loch Maree (Roy D. Ford)
Gaelic version

Tiugainn leam-sa gu tìr nam beannaibh
’N tèid thu leam far am b’ òg bha mi
’S e mo mhiann bhith san iar le m’ leannan
Ciaradh feasgar taobh Loch Maruibh;
Guilbneach shuas ud àrd anns an speur
Sruthan fuar uisg’ is gàir nan ceum
Cur fàilte bhlàth-chridheach oirnn don ghleannan
’S nì sinn dachaidh taobh Loch Maruibh.

Gu là Luain bi mi luaidh a mhaise
’N tir mo ghràidh far am b’ àill leam bhith
Fuaim nam pìob thar an fhrìth le caithream
Dùsgadh smuaintean tha dlùth d’ ar cridh;
Sòlas buileach bhith ri do thaobh
Stòras dhuinne am meud ar gaoil
Is còmhnaidh leat far bheil fraoch a’ bhearraidh
Bòidheach maiseach taobh Loch Maruibh.

Càit’ bheil àit’ cho àill’ an sealladh
Bho Chàrn a’ Ghlinne a’ coimhead Siar
Le uisg’ na locha a’ deàrrsadh romhad
A’ teàrnadh bhruthach ’s am feasgar ciar;
Cùl an Eilean is Slioch mu d’ choinneamh
’S Meall a’ Ghiuthais ’s a làimh-chlì
Cò a chunnaic loch cho brèagha ris
Dol air chuairt taobh Loch Maruibh.

Bi mo smuaintean gu tric a’ tionndadh
Gu làithean m’ òige mar bha mi
Subhach coiseachd mu na bruachan
Ris an loch ud tha teann do m’ chrìdh;
Is ma thig thu leam gu toileach
Bi sinn còirdte le gràdh is sìth
Nar dachaidh bhòidheach mhaiseach
Seasgar shìos ud taobh Loch Maruibh