The Mudcat Café TM
Thread #174142 Message #4224090
Posted By: RunrigFan
12-Jun-25 - 09:16 PM
Thread Name: Lyr Add: Aodann Srath Bhain
Subject: Lyr Add: Aodann Srath Bhain
A love song in which a young man is rejected by the girl he loves
'S mi ri imeachd nam aonar anns an òg-mhadaim Mhàigh Feadh lèantaichean uaine mar fhear-fuadain gun stàth, nuair a chunnaic mi a' ghruagach an taobh shuas dhiom a'tàmh 's i ri nigh' a culd aodaich mach air aodann Srath Bhàin.
An sin dhìrich mi suas far 'n robh gruagach mo ghràidh is labhair mi rithe gu sìobhalta tiàth; "Tha bliadhn' agus còrr bhon a thòisich an gràdh, is ma bhitheas tu deònach nì sinn pòsadh gun dàil."
"Gu pòsadh, gu pòsadh ro òg tha mi 'n dràsd'- gu bheil teang' aig do sheòrsa dhèanadh fògradh 's gach àit; gurn biodh m'athair 's mo mhàthair gam chàindeadh gu bràth nam pòsainn do leithid, O fhieasgaich gun stàth."
Ach a nìonagan òga tha gun phòsadh 's gach àit', na dlùtaibh fir òga le mòrchuis no tàir. Nach muladach dhòmhsa bhith gun phòsadh gu bràth- 's fheudar fulreach nam aonar mach air aodann Srath Bhàin.