The Mudcat Café TM
Thread #147   Message #518
Posted By: Ian
22-Nov-96 - 10:01 PM
Thread Name: Lyr Req: Mo Rùn Geal Dìleas
Subject: Lyr Add: MO RÙN GEAL DILEAS
Jeff,

I think this is what you're looking for. Sorry - No luck with An T-each Ruadh, though.

Happy Hunting,
Ian

-------------------------------
MO RÙN GEAL DILEAS

Séist
Mo rùn geal dìleas, dìleas
Mo rùn geal dìleas nach till thu nall?
Cha till mi fhéin riut, a ghaoil, cha 'n fhaod mi,
O chòin a ghaoil 's ann tha mise tinn.

Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn;
Is bheirinn sgrìobag don eilean Ileach,
Far bheil an ribhinn dh'fhàg m'inntinn trom.

Is truagh nach robh mi 's mo rogha céile
Air mullach shléibhte nam beanntan mór,
'S gun bhi 'gar n-éisdeachd ach eòin an t-sléibhe,
'S gun tugainn fhéin di na ceudan pòg.

Thug mi còrr agus naoi mìosan
Anns na h-Innsean a b'fhaide thall,
'S bean bòidhchead t'aodainn cha robh ri fhaotainn.
'S ged gheibhinn saoghal chan fhanainn ann.

Thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte
Gun dùil rium oidhche gum bithinn beò;
B'e fàth mo smaointean a là 's a dh'oidhche,
Gum faighinn faochadh is tu bhi 'm chòir.

Cha bhi mi strìth ris a' chraoibh nach lùb leam
Ged chinneach ùbhlan air bhàrr gach géig.
Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m'fhàgail,
Cha d'thàinig tràigh gun mhuir làn 'na déigh.

HTML line breaks added. --JoeClone, 13-Apr-03.