I suspect that the 18th century tune titles "Black Mary's Hole" and "Black Mary's Hornpipe" are crude translations from Scots Gaelic.
Air Feasgar Ciu\in Ce/itein
Turn ye to me
Air feasgar cui\in Ce/itein 's mi teurnadh an t-sle/ibh-e,
Hug o/ro is eutrom mo cheum air la\r;
Tha ghrian anns na speuran a' de\arrsadh gu ceutach,
Is eunlaidh nan geugan a' seinn an da\n;
Tha'n t-allt ruith do'n abh-ainn caithream's le ceo\l;
Na craoghn fo'n duillach 's na lusan 'nan glo\ir;
Na beanntan 's na gleannt-an 'nam maise ro o\irdheirc
Is thall air a' cho\mhnard tha o\igh mo gra\idh.
A chailin gun fhoill, bidh mo dhu\archd a choidhch'dhuit,
A mhaighdeann ghlan aoidheil is caoimhe su\il;
Tha grinneas do dho\ighean fa m' chomhair an co\mhbuidh
Is fo\s do bhinn cho\mhradh tha mo\dhar ciu\in;
Is duilich leam fhe/in mar nach d'e/irich dhomh a\gh,
'S gur suarach mo bhuannachd's nach buannaich i al\,
Na'm biodh agsm saibhreas sin thoillinn uait fa\bhar
Is rachainn gun athadh 'nad dha\il a nunn.
Is truagh nach do stiu\ir thu, a Fhreasdail, mo chu\rsa
'Nad chaoimhbeas d'a h-ionnsuidh an tu\s mo re/;
Sin bhithinn-sa eudmhor, deanadach, gleusda
An a\ite bhi ge/illeachd roimh cheann na re/is.
Roimh 'n a\m so b'e do\chas bu dho\chas bu dho\mhsa mar nhaoin;
Bhiodh doilgheas an la\-'n diugh am ma\ireach air sgaoil;
Ach tha\inig thu, Mho\rag, is leo\n thu le gaol mi
Nach tarruing gu faochadh mur taobh thu rium fe/in.
Tha 'm feasgar a' ciaradh o'n theirig a' ghrain;
Tha rionnag 'san iarmailt os eionn an du\in;
Eo\in bhuchainn a'bharraich air casgadh an caithreim:
C'ar son tha mi fanachd aig taobh a' chu\irn?
Sud thall air an re/idhlean gun duin' ach i fe/in
A' mhaighdeann fhior-uasal nam buadh is nam beus:
A dheo\in no a ch'aindeoin, gur daingeann mo spe/is di,
'S air Na\ile! gu'n te'id mi'na da\il nu\nn.