The Mudcat Café TM
Thread #46062   Message #684943
Posted By: weepiper
07-Apr-02 - 11:17 AM
Thread Name: Lyr Req: O Ba, Ba Mo Leanabh (Mary Jane Lemond)
Subject: Lyr Add: GUN CHRODH GUN AIGHEAN
Hi Peg et al,

Here's the song I found, and here is a blicky to the page I found it at which also has a tune for it. I copied and pasted this and added line breaks so I hope it comes out ok...

[Séisd:]
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam,
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gheibh mi fhathast òigear grinn.

Fhir a dh'imicheas thar chuantan,
Giùlain mìle beannachd uamsa
Dh'ionnsaidh òigeir a' chùil dualaich,
Ged nach d'fhuair mi e dhomh fhìn.

'Fhleasgaich thàinig nall a Shuaineart,
Bu tu fhéin an sàr dhuin'-uasal;
Gheibhinn cadal leat gun chluasaig,
Air cho fuar 's g'am biodh an oidhch'.

Gur e mise tha fo mhulad,
'S mi a' tàmh 'san t-seòmar mhullaich;
An leannan bh'agam-sa an uiridh,
Chuir e'n diugh rium cùl a chinn.

Nàile! 's mise tha gu deurach,
An seòmar àrd a' fuaigheal léine;
Chaidh mo leannan do Dhùn-Eideann,
'S chan eil dhomh bhi 'ga chaoidh.

Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich,
Chan eil mi gun mhaise 'm aodann;
Dh'fhighinn breacan a bhiodh caol dhuit,
'S dheanainn aodaich a bhiodh grinn.

'S ged nach eil mo spréidh air lòintean
Mo chrodh no mo chaoraich bhòidheach,
Bheirinn tochradh dhuit an òrdagh,
Cho math ri té òig 'san tìr.

Link fixed. --JoeClone, 11-Apr-02.