The Mudcat Café TM
Thread #48135   Message #725576
Posted By: Aodh
07-Jun-02 - 05:57 PM
Thread Name: Lyr Add: A Pheigi a Ghraidh (Mo chridhe fo leon)
Subject: RE: Lyr Add: A Pheigi a Ghraidh (Mo chridhe fo leon)
Well matha, this is the rest of the song, with translation:

Nuair bhios mi leam fhir bidh m'inntinn ortsa gach am-
'S e d'aghaidh ghlan shuairc' a ghluais mo chridhe nam chom;
Co bhoidhchead, a ghraidh, a dh'fhag mi deanamh dhut rann
'S gum b'fhearr leam do phog na or na cruinne nam laimh.

Gum beannaicheadh Dia a' choich a dheothail thu trath,
A' mhathair a bhiath's a riaghl do bheatha nad phaist;
Mo bheannachd dhan ghluin a chum do phearsa-sa, ghraidh
'S a dh'altraim thu og-b'e'n solas dhi thu bhith fas.

Do phearsa gun chearb gun aithnichinn fada bhom shuil,
An grinnead mar dhealbh neo-sheargt, fallain, glan, ur;
Tha gaol agus baidh a' snamh an amharc do shul
Is anail do bheoil mar cheo na meala fon driuchd

Chan iongnadh, a ghraidh, do mathair's d' athair bhith'n uaill
Do leithid-sa fas do pharant's ainneamh ri luaidh;
ged bhithinn na b'fhearr an cas nan ealain's nan duan
Chan snaoimhinn san dan gu brath gach mais' tha riut fuaight'.



line breaks added by mudelf ;-)