The Mudcat Café TM
Thread #48369   Message #725727
Posted By: Aodh
07-Jun-02 - 10:19 PM
Thread Name: Lyr Add: Oran na Politician
Subject: Lyr Add: ORAN NA POLITICIAN
Another song from South Uist, This time about the real life events that inspired Sir Compton MacKenzies "Whisky Galore" Written by Roderick Campbell (Roidseag Mhic Iain Clachair) how lived in the same township where I grew up.

Thainig bat' air tir dha'n ait'
A dh'fhag mise fo mhingean,
Fhuair mi aiste dram no dha,
'S e sin a dh'fhag cho tinn mi;
Mar a tha mi'n diu cho truagh,
Cha ghluais mi ach le dichioll;
'S e na dh'ol mi dha'n Spey Royal
Chuir am bron air m'inntinn.

Chuala mi gun robh i ann,
'S gu robh an t-an dhol innte;
Gu rodh stuth innte gu leor,
Bha brogan agus siod'ann,
Bha uisge beatha mar bha an corr
Gach brand is seors' bha sgriobhte;
'S ged bha'n ola dhubh gu h-ard.

Chaidh mi suas mar rinn cach,
'S gun chiath sinn pairt a bh'innte,
Duil liom nach biodh guth gu brach air,
Gu robh am bata millte;
Ach cha b'ann mar sin a bha
Chaidh brach gun dail a dh'innse,
'S an fhuair mi sumaineadh bha garbh
'Gam thoirt air fhlbh dha'n phrionsan.

'S Loch nam Madadh chaidh sinn sios,
'Gar cur an iarainn cinnteach;
Cha b'e seachdain's cha b'e mios,
'S ann gheobhainn bliadhna phriosan;
Bha'n Geidseir's polisman no dha
An aird air son ar diteadh,
Ach a dh'aindheoin an cuid beoil,
'S ann gheobhadh Roidseag clear.

Is ged a dh'fhalbhainn as a siod,
Do dh'Eilear Nis dha'n phriosan,
'S mi nach cromhadh sios mo cheann,
Cha bhiodh dad ann do mhichliu;
'S cho deonach a bhith'g innse,
Cha d'fhuaras grim air duine riamh
A thug diar air tir aist'

Ach's e dh'fhag mi diu fo ghruaim,
'S a chuir an duan air m'inntinn,
Smaointinn air na gillean truagh
Thug a chuairt dha'n phriosan;
Bha cho onarach's gach ait',
Cha cluinnt' aig cach am miomhodh,
'S nach cualas riamh gu rodh iad beo,
Gu'n bhuail i stron air tir ann.

thuirt an Geidseir an Taigh na Cuirt-
'S bha diumbadh agam fhin ris-
Gum faigheadh iad i air falbh,
'S nach robh an cargo millte;
'S ged bha mi fhin air bheagan tuir,
Co dhiu bha fios a'm cinnteach,
Nach gluaiseadh i bho'n chreig gu brach,
Gur h-ann'san traigh a chit'i.

'S ge b'e choisicheas a null,
Bho'n Ludaig's ann a chi e-
Chi e sealladh dhith le shuil,
'Sa ghrunnd far bheil i sinte;
'S e'm Politician a th'ann,
Car cam innte nach dirich;
'S cha ghluais i as a' siod gu brach,
Gu'n deid i mhain'na piosan.

Ach nam d'fhiach liom chuirinn sios e,
'S cha b'e braig a dh'innsinn,
Chid a fhuair aiste gu leor,
Dha'n h-uile seors' a bh'innte;
A bha straiceil as gach doigh,
Is leomach feadh na tire;
Ach eisdibh mi, 's cha chan mi'n corr,
Mu'n Pholi choir gu dilinn.

English translation to follow!

Aodh

line breaks added by an mhudelf ;-)