The Mudcat Café TM
Thread #16786   Message #778453
Posted By: George Seto - af221@chebucto.ns.ca
06-Sep-02 - 11:34 PM
Thread Name: Lyr Req: Cape Breton Song / Oran an Teine
Subject: Lyr Add: ORAN AN TÉINE
Ciarili sent this to me:

ORAN AN TÉINE
le Lachlainn Mac Mhuirich

'S tim dhomh dol an ordugh
Is teannadh ri oran
Mu 'n duine rinn an dobheart
Bu choire dhuinn 'aoireadh,
Nuair leig e 'n tein' air fogradh
A mach air feadh nam frogaibh,
'S nuair chaidh e feadh na coinich
Bha 'n "s"eo feadh an t-saoighail.
 
Séist:
Nach nar an sealladh e 's an Eilean,
Smearsaid air feadh na beinne,
Pairceannan chuir 'n an teine
Le coire chlann daoine.
 
Bu turus na truaighe
Nuair thug e 'n teine suas leis
G"u"n chuir 's a' mhosgan ruadh
Gus na ghual e 'n a chraoslach;
Nuair fhuair an soirbheas greinn air,
'S a chaidh e anns an droighnich
Chan fh"a"icamaid ach soills'
Agus boilsgeach gach taobh dhuinn,
 
Gur e Domhnull Raonuill
An uair sin bha 'n a eigin
A teicheadh as a leine,
Ag eigheach 's a' glaodhaich;
Anna 's i fo ghruaman,
Rannaidh an taobh shuas dhi,
'S thug Alasdair "as" ruaig
Mar gu 'm bualach an caoch e.
 
Sin far an robh smuid
Nuair a chaidh e 's an spruis dhluth,
Ghabh e mach air feadh a' Chuil
'S gur e 'n Grudair a dhioghail;
Nuair loisgeadh air a' phairc
Is a mhilleadh "a"m buntata,
??
??
 
'S ann feasgar Didonaich
Bha nathraichean 'g am fogradh,
Bha maighich air an rosladh,
Is coin air an slaopadh;
B' e sud an gnothach graineil
Dh' an fhear a chuir 'n an smal iad;
Cha ghearain sinn gu brach air
Bho 'n shabhail na doine,
 
'S iomadh maigheach targhlas
Bha ruith air feadh an aite,
An Glagaire 'g an tarsdal,
'S e lan dhe 'n cuid gaoi"n"ne
Gu 'n coinneachadh 's gach aite
'S air feadh na pairc bhuntata,
Gu 'n d' fhuair e 'n cuir an sas
Ann am bath"a"ch nan caorach.
 
'S iomadh ma"d"a-ruadh
A bha ruith air feadh nam bruach,
An iorbaill air an guaillean,
Gu luath feadh an aonaich;
Na fithich 's iad ag eigheach,
Na ro"c"aisean 'n an eigin,
Na smeoraich iad fhein,
Thug iad reug, 's chan e 'n ioghnadh.
 
Tha mi ann an dochas
Gu 'n eisd sibh ris an oran,
A' h-uile duine beo
A tha comhnaidh an taobh"a"n;
Gu 'n toir sibh 'n air e 'n comhnuidh
Ur gnathach a bhith doigheil,
'S gun teine chuir ri eoin
Gus am po"g" a chuir aog oi"gh"n,