From Seumas: Gun Teann Mi Ris Na Ruinn Tha Seo
Duncan MacLeod of Berneray, Isle of Harris or Berneray, Isle of North UistGun teann mi ris na ruinn tha seo a-nis a sgrìobhadh slos
Mi anns a bhàt' a cuimhneachadh air tìr nan glinn as brèagh'
Far am b'òg a bha mi uaireigin dol cuairt don Charragh Liath
A dh'fheitheamh air na lachain ann 's a mhadainn tighinn on iar
Bhiodh grunn de dh'àrmunn chòir againn nuair thòisicheadh an t-sealg
Is chliunneadh tus' an stàirneanaich "bombardaigeadh" bhiodh garbh
Cuid a faighinn beò às dhiubh cuid éile leòint' is marbh
Na coin gan tòirt air tìr thugainn as ìnnean nan tonn garbh
Is iomadh sgrìob a thug mi ann nuair bhiodh an t-sìde doirbh
Is ealach thug mi dhachaidh às de dh'eòin ghlas agus sgairbh
Sin dh'fhàgadh m'inntinn sòlasach nuair chithinn torr dhiubh marbh
'S mun tigeadh àm bhi tarruinn às bhiodh gad dhiubh dheànamh dearbht'
B' e sealladh e ro bhrèagha leam nuair bhiodh am feur fo dhriùchd
Fo sheamraig ghorm 's fo neòinein 's an ròs mu bhòrd Loch Bhrùsd'
O chì thu eala bhàn an siud nan lachainn bhlòr rin taobh
'S bu shòlasach leam fhìn san uair bhith dol ann cuairt le m' ghaol.
'S e 'n t-eilean e as àghmhor 's am pailt a dh'fhàsas pòr
Tha tuathanaich as fheàrr ann a chuireas bàrr air dòigh
Iasgairean lem bàtaichean thar sàile toirt an lòin
'S na mnathan ghlic 's na h-ìghneagan a' cuibhlearachd gu clò.
'S gum bidh mi nis a' crlochnachadh nam briathran seo san uair
Mun tuit orm an cianalas am pian a tha gun truas
Oir chan eil iochd no bàigh ann 's e dh'fhàgas mi fo ghruaim
Nuair chuireas e nam chuimhne tìr iosal fhada bhuam.