The Mudcat Café TM
Thread #52119   Message #796528
Posted By: George Seto - af221@chebucto.ns.ca
03-Oct-02 - 10:15 PM
Thread Name: Lyr Add: Mo Ribhinn Choibhneil
Subject: Lyr Add: Mo Ribhinn Choibhneil
Someone asked about words for this song. They gave me this bit of it, but I suspect it's a longer song. I haven't found any more in any of my Gaelic song books. Would anyone recognize it and know of any other verses?

Mo Rìbhinn Coibhneil
Faclan Le Donnachadh MacCuinn

Séist
Nan robh mise 's mo rìbhinn choibhneil
Anns a' choill' far an goir an smeòrach,
Eòin air gheugan 's iad seinn le aoibhneas,
'S a' ghrian a' soillseadh gu boillsgeach bòidheach.
 

Tha do ghruaidhean cho dearg 's an caorann;
Mar ite faoilinn do mhuineal bhòidheach;
Dà shùil mhìogach a mhealladh mìltean,
'S do chùl snìomhain mar it' an lòin-dubh.
 
Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh,
Ainnir àluinn an leadain bhòidhich;
Gaol nach caochail 's air nach tig fàilinn
Ach gus an càirichear leo fo'n fhòid mi.
 

Soiridh slàn leis an ribhinn mhàlda,
Ge b'e àite 'sam bi i còmhnaidh,
'S e mo dhùrachd gu'm bi i sàbhailt'
'S gach sonas 's àgh bhi aic' fhad 's is beò i.