CREAG GUANACH
Faclan le D. McDonald
As found in Coisir a' Mhóid Page 40Séist
Air minn o iom ó ro,
Iom ó agus iom ó ro,
Air minn o, na iom ó
Is aoibhinn leam an diugh na chì.
Creag mo chridh'--sa a' chreag Ghuanach,
Chreag an d'fhuair mi greis de m'àrach;
Creag nan aighean 's nan damh siùbhlach,
A' chreag ùrail, aigheareach èanach.
Chreag my 'n iathadh an fhaoghaid,
Bu mhiann leam a bhi 'ga taoghal,
'N uair bu bhinn guth gallain gadhair
A' cuir greigh gu gabhail chumhainn.
Eilid bhinneach, mhearganant, bhallach,
Odhar, eangach, uchd ri h-àrd;
Damh togbhalach, croic-cheannach, sgiamhach,
Cronanach, ceann-riabhach, dearg,
Creag mo chridh'-sa, a' chreag Ghuanach,
'S ionmhuinn leam an lòn tha fo ceann;
Is annsa an lag air a cùlaibh,
Na machair is mùr nan Gall.
'S truagh an diugh nach beò an fheadhainn,
Gun ann ach an ceò de 'n bhuidhinn,
Leis 'm bu mhiannach glòir nan gadhar,
Gun mheoghail, gun òl, gun bhruidhinn.Note - These verses are from "Ò nan Comhachaig", a poem by D. McDonald, one of the old hunter bards of Lochaber. He lived about 1550. Creag Ghuanach is near Loch Treig.