The Mudcat Café TM
Thread #6412   Message #974439
Posted By: George Seto - af221@chebucto.ns.ca
29-Jun-03 - 11:52 PM
Thread Name: Tune Req: Mairi Bhan Og
Subject: RE: Tune Req: Mairi Bhan Og

Màiri Bhàn òg
Òran d'a Cheile Nuadh Posd'

A Mhàiri bhàn òg, 's tu 'n òigh th'air m'aire,
Ri'm bheò bhi far am bithinn fhéin;
O'n fhuair mi ort còir cho mór 's bu mhath leam,
Le pòsadh ceangailt' o'n chléir,
Le cùmhnanta teann 's le banntaibh daingean,
'S le snaim a dh'fhanas, nach tréig;
'S e t'fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid
Rinn slàinte mhaireann a'm' chré.
 
'N uair bha mi gu tinn 's mi 'n cinnseal leannain,
Gun chinnt cò theannadh rium fhéin,
'S ann a chunna' mi'n òigh air bòrd taigh-leanna,
'S bu mhòthar ceanailt' a beus;
Tharruinn mi suas r'i, 's fhuair mi gealladh
O'n ghruagaich bhanail bhi 'm réir;
'S mise bha aobhach t'fhaotainn mar 'rium,
'S crodh-laoigh a' bharain a'd' dhéigh.
 
Maduinn di-luain, ge buan an t-slighe,
'N uair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth,
A dh'fhaicinn mo luaidh 's rud uainn n-ar dithis
Nach dual da rithist gu'n sgaoil
Thug mi i'n uaigneas uair a bhruidhinn,
'S ann fhuair an nighean mo ghaol,
A's chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh
Aig luathas mo chridhe ri'm thaobh.
 
Sin 'n uair chuir Cupid an t-uidach am bhroilleach;
D'a shaighdean corranach, caol,
A dhrùl air mo chuislean, chuir luchd air mo choluinn,
Leis an do thuit mi ge b'oil leam 's gu'n d'aom.
Dh'innis mi sgeul do'n tè rinn m'acain,
Nach lèigh a chaisgeadh mo ghaòid;
'S e leighis gach creuchd i féin le feartan
Theachd réidh a'm' ghlacaibh mar shaoil.
 
Bheirinn mo phòg do'n òg-mhnaoi shomult'
A dh'fhàs gu boinneanta, caoin,
Gu mìleant, còmhnard, seòcail, foinneamh,
Do chòmhradh gheibh mi gu saor,
Tha mi air sheòl gu leòir a'd' chomain,
A bhòid sa chuir thu gu faoin
Do m'smaointean gòrach, pròis nam boireannach
'S còir dhomh fuireach le h-aon.
 
Chaidh mi do'n choill' an robh croinn a's gallain,
Bu bhoisgeil sealladh mu'n cuairt,
'S bha miann mo shùl do fh'fhlùran barraicht'
An dlùthas nam meanganan suas;
Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh,
A lùb mi farasda nuas;
Bu duilich do chàch gu bràth a gearradh,
'S e' n dàn domh 'm faillean a bhuain.
 
Shuidhich mi lìon air fior-uisg' tana,
'S mi strìgh 'ga tharruinn air bruaich,
'S thug mi le sgrùib air tìr a' ghealag,
'S a lìth mar eal' air a' chuan.
'S toillicht' a dh'fhàg e'n là sin m'aigneadh,
An roinn a bh'agam san uair;
B'i coimeas mo cheud mhna' reuil na maidne,
Mo chéile cadail 's mi 'm shuain.
 
'S e b'fhasan leat riamh bhi ciallach, banail,
Ri gnìomh, 's ri ceanal mna-uails';
Gu pàirteach, bàigheil, blàth, gun choire,
Gun ghìomh, gun ghainne, gun chruas;
Gu dèirceach, daonntach, faoilidh, farasd',
Ri daoine fana, bochd, truagh;
Is tha mi le' d' sheòl an dòchas ro-mhath,
Gur lòn do t'anam do dhuais.
 
Chuir mi air thùs ort iùl a's aithne,
Le sùgradh ceanalta, suirc,
'N uair theannainn riut dlù, bu chùraidh a' anail
No ùbhlan meala 'gam buain:
Cha bhiodh sgeul-rùin, a b'iùl domh aithris,
A b'fhiù, nach mealladh i uam.
Nan cuireadh i cùl rium 's dlùtadh baileach,
Bu chùis domh anart a's uaigh.
 
Do bhriodal blàth 's do mhàran milis,
Do nàdur grinneas gach uair,
Gu beulchair, gàireach, alùinn, coimhneil,
Gun chàs a thoilleadh dhuit fuath;
Chuir i gùin-bàis fad ràith' am mhuineal
Dh'fhàg làn mi' mhulad 'sa ghruaim,
'N uair thuig i mar bha, 'sa thàr mi'n ulaidh,
Ghrad spàrr i 'n cunnart ud uam.
 
'S ann thog e mi 'm prìs o'n tìm seo 'n uiridh,
An nì 'san urrainn a fhuair,
'Sguab do'n ìre fhior-fhlain chruineachd,
An sìol is urramaich' buaidh.
Sin na chuir mi cho rìomhach umad,
Bha t' inntinn' bunailteach, buan:
Lìonadh do sgiamhachd miann gach duine,
An dreach, fiamh, an cumachd, 's an snuagh.
 
Do chuach-falt bàn air fàs cho barrail,
'S a bhàrr làn chamag a 's dhual;
T'aghaidh ghlan, mhàlda, narach, bhanail,
Do dhà chaol mhala gun ghruaim;
Sùil ghorm, lìontach, mhìn-rosg, mheallach,
Gun dìth cur fal' ann ad' ghruaidh,
Deud geal ìobhraidh, dìonach daingean,
Beul bìdh nach canadh ach stuaim.
 
Shiùbhladh tu fàsach àiridh glinne
'S an àit' a cinneadh an spréidh,
G' am bleothan mu chrò, 's bhi chòir na h-innis,
Laoigh òg a' mirreadh 's a' leum;
Cha mhiosa do làmh 's tu làimh ri coinnil
Na 'n seòmar soilleir ri gréin,
A' fuaidheal 's a' fàitheam bhàn a 's phionar,
An àm chur grinnis air greus.