The Mudcat Café TM
Thread #6412   Message #974441
Posted By: George Seto - af221@chebucto.ns.ca
30-Jun-03 - 12:01 AM
Thread Name: Tune Req: Mairi Bhan Og
Subject: RE: Tune Req: Mairi Bhan Og
Do chneas mar an èiteag ghlan, fallain,
Corp seang mar chanach an t-sléibh;
Do bhràigh cho-mhìn, 's do chiochan corrach
'S iad lìontach, soluis le chéill:
Gaoirddean tlà geal làmh na h-ainnir.
Caol mheòir, glac thana, bàs réidh;
Calpa deas ùr, troigh dhlù 'm bròig chuimir
Is lùghor, innealta ceum.
 

'S ann fhuair mi bhean chaoin aig taobh Màm-charal'
'S a gaol a' m' mhealladh o 'm chéill:
Bha cridhe dhomh saor, 'nuair dh' fhaod mi tharruinn,
Cha b'fhaoin domh bharail bhi d' réir:
'S ioma fuil uasal, uaibhreach, farumach,
Suas ri d' cheann-aghaidh fhéin,
Ga d' chumail am prìs an Rìgh 's Mac-Cailean
'S tu shìol nam fear a bha 'n Sléibht'.
 
'Nam faighinn an drùst do chàradh daingean
An àite falaich o 'n eug;
Ge d' thigeadh e d' dhàil, a 's m' fhàgail-falamh.
Cha b'àill leam bean eil' a'd' dhéigh:
Cha toir mi gu bràth dhuit dranndan teallaich,
Mu'n àrdaich aileag do chléibh,
Ach rogha' gach màrain, gràdh a's furan,
Cho blàth 'sa b'urrainn mo bheul.
 

Dheanainn duit ceann, a's crann, a's t-earrach,
An àm chur ghearran an éill,
A 's dheanainn mar chàch air tràigh na mara,
Chur àird air mealladh an éisg:
Mharbhainn duit geòidh a 's roin, a 's eala,
'S na h-eòin air bharra nan geug;
'S cha bhi thu ri d' bheò gun seòl air aran,
'S mi chòmhnaidh far am bi féigh.