The Mudcat Café TM
Thread #61242   Message #995721
Posted By: Jim Dixon
02-Aug-03 - 09:11 PM
Thread Name: Lyr Req: pipe song/groovers song 'My Home?'
Subject: Lyr Add: MO DHACHAIDH
Why not post it here? Copied from the link mentioned above:
(That site also has a midi file.)

MO DHACHAIDH

[Séisd:] Seinn hìribh o hiùraibh o hùgaibh o i;
Seo agaibh an obair bheir togail fo'm chridh':
Bhi stiùireadh nan casan do m'dhachaidh bhig fhìn
Air crìochnachadh saothair an là dhomh.

Seall thall thar an aiseig, am fasgadh nan craobh,
Am bothan beag glan ud fo ghealachadh aoil;
Sud agaibh mo dhachaidh, 's i dachaidh mo ghaoil,
Gun chaisteal 'san t-saoghal a's fheàrr leam.

Tha maise an àite ag àrdach a luach,
Tha'n t-sobhrag 's an neòinean a' còmhdach nam bruach;
Tha toman 'ga dhìonadh o shìon an taobh tuath;
'S mu'n cuairt air tha cluanagan àillidh.

Tha nàdur 'san àit' ud a ghnàth cur ri ceòl;
Tha'n smeòrach 'san duilleag 's an uiseag 'sna neòil;
Tha caochan an fhuarain a' gluasad troimh 'n lòn,
'S bidh Mórag ri crònan do'n phàisde.

Mo dhùrachd 's mo bheannachd dhuit, bheanag na loinn,
Tha'n fritheal mu m'fhàrdaich 's ag àrach mo chloinn;
Do chridhe 's do nàdur gun àrdan gun fhoill,
Ach coibhneas a' boillsgeadh 'nad bhlàth-shùil.

Air ciaradh do'n fheasgar, 's mi seasgair fo dhìon,
Mu'n cuairt air a' chagailt bidh aighear gun dìth,
Na pàisdean ri àbhachd 's am màthair ri snìomh,
'S mo chridh-s' air a lìonadh le gràdh dhaibh.

Air falbh uam a' mhòr-chùis, an t-òr agus cliù,
Chan eil annta air faoineas is saobh ghlòir nach fhiù;
Chan fhàgainn mo dhachaidh 's bean-chagair mo rùin
Gu bhi sealbhachadh lùchairt le bànrighinn.