|
|||||||
|
Lyr Add: Mhorag Leat Shiubhlainn
|
Share Thread
|
||||||
|
Subject: Lyr Add: Mhòrag Leat Shiùbhlainn From: RunrigFan Date: 28 Sep 22 - 04:05 PM Cant do Murdo MacFarlane Sèist/ Mhòrag, leat shiùbhlainn gun chùram gu cùl na gealaich; 'S mìlse leam do phògan gu mòr na na cìrean-meala; Dh'fhaighinn dhomh mar òg-bhean mo dhòchas tha na do ghealladh. Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain No snuadh na bùtha chur air a gruaidhean No dath a cheannach gu dath a cuailein 'S e mar an canach aig sàil nam fuar-bheann. A h-anail 's cùbhraidh na gàradh-ùbhlan, An dèidh a pògan bidh searbh an siùcar; 'S nuair bhios a h-èideadh os cionn a glùin oirr' Gur snasail m' eudail 's ni cuirm an t-sùil oirr'. Dh'fhalbhainn deònach gu ruige Geòrgia 'S shàthainn sleagh anns na mucan mòra; 'S dh'fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. An uair a ghleusas i suas a h-òran An uiseag thèid i na tàmh 's an smeòrach, Is iad ri 'g èisteachd ceòl nèamhaidh rò-bhinn, Ceòl binn gun èislean bho beul a' dòrtadh. O cuig' bhiodh fiamh ort nach coisninn lòn dhut Oir dhèanainn iasgach is dh'fhighinn clò dhut; 'S cha leiginn cliabh air do dhruim a Mhòrag Ged bheirinn bliadhna agus mìos gun mhòine. Praise song to Morag One version Na h-Òganaich |
| Share Thread: |
| Subject: | Help |
| From: | |
| Preview Automatic Linebreaks Make a link ("blue clicky") | |