Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj

Post to this Thread - Sort Descending - Printer Friendly - Home


Lyr Add: Fagail Bhernaraidh

ciarili 12 Sep 02 - 09:53 PM
Share Thread
more
Lyrics & Knowledge Search [Advanced]
DT  Forum Child
Sort (Forum) by:relevance date
DT Lyrics:





Subject: FAGAIL BHERNARAIDH
From: ciarili
Date: 12 Sep 02 - 09:53 PM

Another one from Seumas:

Fagail Bhernaraidh
Duncan MacLeod, Donnchadh Ruairidh Chùbair, Berneray, Isle of Harris

On chuir mi mo chùl ri stùcan eilean as bòidhch'
Gu bheil mi gun sunnd fo thùrs' 's mo chridhe fo leòn
Nuair thig na mo chuimhn' na glinn san robh mi o m' òig
Far an iarrainn bhi tàmh gach là cho fad 's bhithinn beò

'S e eilean mo ghràidh as àille leam dhe na chì
Le lochan 's le bhàigh, le thraighean geala is le ghlinnn
Gur bòidheach an Ròdh, a'Chròic, an Corran 's a Luib
'S nuair chòimheadas tù sìos an iar tha sealladh ro ghrinn

'S e sealladh cho breàgha riamh a chunnaic mo shùil
An sprèidh air a shliabh 's a'ghrian a togail na drùchd
An t-arbhar fo bhlàth a fàs 's a mhachair gu dlùth
'S càite fac' thu nis àit' bheir bàrr air idir na ghrùnnd

Bheir sùil air mun cuairt 's a bhruaichean uile 's iad làn
Seamarag is neòinean, sòbhrag bhuidhe ann a fàs
Smeòrach nan geug air sgèith a'caithream gu h-àrd
Cò chunnaic e riamh nach iarradh ann a bhi tàmh

Tìr àrach na laoch 's nan daoine beannaichte còir
Na mnathan gun ghruaim dhan dual bhi banail is còir
Na h-ìghneagan suairc' gun uaill ri fhaighinn nan dòigh
A thogadh ort sunnd le sùgradh milis am beòil

Bha'm pailteas ann riamh den bhiadh 's cha bhitheadh oirrn èis
Bha iasg ann is feòil 's gach seòrs' air an cuireadh tù feum
Tha lus ann a fàs bheir slàint' a dh'iomadach crèuchd
Ann an eilean beag Bheàntraigh** 's àille leam tha fon ghrèin

** Before someone takes me to task over the spelling, this represents what is quite a common pronounciation locally!


Post - Top - Home - Printer Friendly - Translate
  Share Thread:
More...

Reply to Thread
Subject:  Help
From:
Preview   Automatic Linebreaks   Make a link ("blue clicky")


Mudcat time: 29 December 1:08 AM EST

[ Home ]

All original material is copyright © 2022 by the Mudcat Café Music Foundation. All photos, music, images, etc. are copyright © by their rightful owners. Every effort is taken to attribute appropriate copyright to images, content, music, etc. We are not a copyright resource.