|
12 Jun 21 - 07:39 PM (#4109920) Subject: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh From: RunrigFan Fear A' Chòta Ruaidh Written by Donald Joseph MacKinnon Càit' an deach an duine còir Air 'n robh còta ruadh? Na thill e dhachaigh chun na Cròice Leis a' chòta ruadh? Chan fhaca mise fear air bhòidse Riamh air còrsa Chluaidh Bha giùlan trusgain leth cho leòmach Ris a' chòta ruadh. Cha robh cotan, cainb, no fòtus Anns a' chòta ruadh; 'S ann bha e geàrrt' a-mach à còrn A b'fheàrr do chlòimh nan uan, 'S mo mhìle beannachd aig an tàillear Chum 's a gheàrr 's a dh'fhuaigh 'S a dhearbh a chèard bhith air a mheòir Nuair rinn e 'n còta ruadh. "Shiubhail mi Uibhist mhòr an eòrna Leis a' chòta ruadh, Oidhche shìos an Àird na Mona 'S oidhche am Bòirnis shuas." Cha robh talla 'n seinnt' ann òran, 'N cluinnte ceòl no duan Nach fhaiceadh iad mo charaid còir ann - E-fhèin 's an còta ruadh! Ach 's iomadh miabhadh thug thu dhòmhs' thu fhèin 's do chòta ruadh A-mach gach oidhche nuair bu chòir dhomh bhith sa chòs nam shuain Eadar Bàrr an Easbuig shìos san ear san iar 's ma thuath 'S gun dh'fhàs mi dìreach searbh gu lèor dhiot fhein 's do chòta ruadh. Ach dh'fhalbh sinn oidhche dhan taigh-òsta 's ghlac sinn stòp air chluais 'S gun thill sinn dhachaigh air ar dòigh às leis na dh'òl sinn suas Gun cluinnte mis' an Taigh 'An Ghròta gabhail òran luaidh 'S bha botal anns a h-uile pòc' a bh' air a' chòta ruadh. Gun duirt e rium - "Bha 'n toiseach m' òig ann Còmhdach air bheag snuadh, Gun cheap, gun chirb, gun bhrèid, gun bhròig Ach òrdagan 's iad fuar; Ach thriall an aimsir sin gu cùl Is thàinig tionndadh nuadh, 'S nuair dh'fhàs mi sean gun d'fhàs mi leòmach 'S fhuair mi còta ruadh." Thug e fad na h-Oidhche Dhòmhnach Gu trà-nòin Diluain, Gun smaointeachadh air dol dhan chòs, Ach tòinleagan mun cuairt, 'S mi 'g èisteachd ris a h-uile sgeul A chualas shìos no shuas, 'S a h-uile h-aon dhiubh air mheòmhair Aig fear a' chòta ruaidh. Cha robh Diarmad, Fionn no Gràinne No Garbh Mac Stàirn an duan; Cha robh Fear-eabaid le luirg, No Bhuilfheartach thar chuain; Cha robh Tuathanach O' Drao, No laoch a chualas cluas Nach fhaighte 'n ainm 's an aithris sgeòil Aig fear a' chòta ruaidh. Ach guma fad fallain beò Bhios fear a' chòta ruaidh Gus innse sgeòil an Tìr an Eòrna, Dùthaich chòir nam buadh; 'S ma 's e 's gun tig e cuairt gu bràth A-nuas air àrainn Chluaidh, Gun sìn am bàrd a làmh le deòin Do dh'fhear a' chòta ruaidh. |
|
12 Jun 21 - 09:10 PM (#4109932) Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh From: Felipa https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/fear_a_chota_ruaidh/ includes both words and link to sound file (singer Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain) Notes on that page say that the author's sister was married to a well-known storyteller Donnchadh Dòmhnallach. When Donnchadh came from Uist to Glasgow to take part in a BBC radio programme he stayed with Dòmhnall Mac an t-Saoir, aka "Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh", and his wife Màiri NicIllFhialain. During this time, Donnchadh generally wore a red or (more likely) russet-coloured Harris tweed coat, which is commemorated in the song. Donald Joseph MacKinnon would be Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain, so according to the BBC site "Bliadhna nan Òrain", Donald MacKinnon is the singer but not the author. The site says the author is Dòmhnall Mac an t-Saoir . Mac an t-Saoir could be Anglicised as MacAteer. Dòmhnall Mac an t-Saoir also wrote the lyrics of Óran na Cloiche |
|
12 Jun 21 - 09:13 PM (#4109933) Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh From: Felipa Mac an t-Saor is Anglicised as MacIntyre |
|
12 Jun 21 - 09:34 PM (#4109936) Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh From: Felipa Duncan Currie singing Fear A' Chòta Ruaidh http://tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/86746 |
|
12 Jun 21 - 09:43 PM (#4109937) Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chota Ruaidh From: RunrigFan https://open.spotify.com/track/1jdkPU0ireHQHYYhtUx3Nq Kathleen MacInnes |