|
14 Jun 21 - 07:14 AM (#4110102) Subject: Lyr Req: Laoidh An Iasgair From: RunrigFan Dia bhith timcheall ar an sgothaidh Mun imich i gu doimhneachd mara Slig' air linne dhuinn a treuntachd Mur eil freasdal Dè ga faire. Faiceamaid do shoillse, Mhoire, Nuair tha stoirm is oidhche gleac rinn; Gura tusa Reul an Mara, 'S e fair' an èiginnich do chleachdadh. Aingeal ghil dèan thusa iùil dhuinn Threòraicheas ar siùbh'l feadh gharbh thonn Sgiath do chùraim sgaoil mun cuairt duinn Nuair chinneas gruaim air gnùis na fairge. Guidheamaid do thaic-sa, Pheadair, Gun thu leigeil beud nar caramh: Chuireadh muinntir cuain nad fhreasdal Teasraig sinn bho as-call mara. Gura buidhe dhuinn an cosnadh Bha na h-Ostail fhèin a' cleachdadh: 'S minig bha mac Dè nan cuideachd' Cur an tuigse dhuinn a thlachd deth. Dhia, beannaich dhuinn ar driamlach, 'N lìon, 's gach inneal-glacaidh th' againn; Iomain thuca mar is iomchaidh Sprèidh tha ' ionaltradh san aigeann. Beannaich thusa dhuinn ar curachd, Chan urrainn dhuinn nach tig cuibheas oirre: Gu mealamaid a' Bheannachd Bharrach – Toradh mara à Cuile Mhoire. Nuair is fheudar dhuinn bhith tilleadh Stiùir thu cinnteach sinn gu cala Ma chuir thu oirnne seach ar feuma Chan fhaicear leinn an dèirceach falamh. Na leig thugainn bàs le graide, Òrdaich sagart bhith mur timcheall; Naomhaich led Ola 's led Chorp sinn Mun teid anam bochd air iomrall. |
|
14 Jun 21 - 07:23 AM (#4110103) Subject: RE: Lyr Req: Laoidh An Iasgair From: RunrigFan Dia bhith timcheall ar an sgothaidh Mu'n imich i gu doimhneachd mara Slig' air linne dhuinn a treuntachd Mur'eil freasdail Dè ga faire. Aingeal ghil dèan thusa iùil dhuinn Threòraicheas sinn feadh gharbh thonn Sgiath do chùram sgaoil mu'n cuairt duinn Nuair chinneas gruaim air gnùis na fairge. Guidheamaid do thaic-sa Pheadair, Gun thu leigeil beud na ar caramh: Chuireadh muinntir cuain nad' fhreasdal Teasraig sinn bho as-call mara. Nuair is fheudar dhuinn bhith tilleadh Stiùir thu cinnteach sinn gu cala Ma chuir thu oirnne seach ar feuma Cha'n fhaicear leinn an dèirceach falamh. Dia bhith timcheall ar an sgothaidh Mun imich i gu doimhneachd mara Slig' air linne dhuinn a treuntachd Mur eil freasdail Dè ga faire. As recorded by Mairi MacInnes - Orosay - 2001 |
|
14 Jun 21 - 12:21 PM (#4110143) Subject: RE: Lyr Req: Laoidh An Iasgair From: Felipa sung by Máiri MacInnes: https://www.youtube.com/watch?v=zwHCwPXDXnk links to singing by Norrie MacÌomhair,Sineag Nic an t-Saoir, and Maeve McKinnon are at https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/laoidh_an_iasgair/ This song is an invocation for a safe journey The words are by Fr Allan McDonald (aka Ailean Dòmhnallach) 1859-1905. Fr McDonald was born in Fort William. He became a priest in 1882, and served in Oban, South Uist and Eriskay. He was an activist for tenants' rights and a scholar of folklore and Gaelic language https://en.wikipedia.org/wiki/Allan_MacDonald_(poet) |
|
16 Jun 21 - 02:12 PM (#4110394) Subject: RE: Lyr Req: Laoidh An Iasgair From: RunrigFan Thanks Wished we had a edit function |