|
14 Jun 21 - 09:41 AM (#4110118) Subject: Lyr Add: Oran Uibhist From: RunrigFan O, 's gur tùrsach, tùrsach mi, Nam bitheadh mo dhùil ri triall À Uibhist nam beann àrda - 'S ann thugad tha mo mhiann; Gur òg a fhuair mi m' àrach ann Nam phàisde beag gun chiall - Is bòidheach leam do thràghannan Is gàir a' Chuain an Iar. 'S nuair thèid mi chun a' mhachaire Air feasgar samhraidh ciùin, 'S na neòineanan cho cùbhraidh 'S an sùilean dùint' fon driùchd, Nuair sheallainn ri Loch Hàllainn 'S na bric ri tràigh a' leum, Bu phailt an eala bhàn ann 'S na h-eòin a' snàmh na dèidh. 'S nuair dhìreas mi Cnoc Hàllainn 'S a sheallas mi mun cuairt, Mo chompanaich 's mo chàirdean 'S cuid dhiubh a' cnàmh san uaigh; Nuair shuidhinn air a' ghàrradh 'S mi coimhead far na bruaich, Mi smaointinn air an t-saoghal 'S na daoine gan toirt bhuainn. 'S cha chreid mi fhìn gur dìochuimhn' leinn Na bliadhnaichean a bh' ann; Na diùlnaich, chan eil sgeul orra, 'S iad tìodhlaicte san Fhraing; Dh'fhàg mnathan òga 's pian orra, 'S gun sìon aca dhan chloinn, 'S am fear a dhèanadh gnìomh riutha, Gur fhad' o chrìon a chom. 'S gun cuala h-uile h-aon agaibh An taobh tha 'n uamha àrd Far an deach am Prionns' air falach ann Nuair tharraing e bhon bhlàr. Bha saighdearan le gunnachan Ga shiubhal is ga lorg; Is e mar eun air allaban A' falach air an t-seòig. Is chì mi crodh air pàirceannan Is caoraich bhàn nan slèibh, Uain òga agus fonn orra Air feadh nan tom a' leum; A' mhil air bhàrr nam flùraichean, Ga sùghadh aig a' ghrèin, 'S a' chuthag is "gu-gùg" aice, Ga clùmhadh air gach geug. 'S their mise 'n cliù do Dhalabrog 'S na bheil ann, sean is òg, Ged 's iomadh àit' dhen t-saoghal Sam faodainn-sa bhith beò; Gur ann bu tric a bhuach'llich mi An sprèidh ri bruaich nan lòn, Is na laoigh bheag' air theadhraichean A' leum air cheann nan ròp. Ach sguiridh mi dhen òran seo 'S dhem ghòraiche gun bhuaidh - Thaobh 's gu bheil an òig' agam, Cha chòir dhomh bhith fo ghruaim; 'S ged gheibhinn aois a liathadh mi 'S a bheireadh dhìom a' ghruag, Cha leig mi chaoidh a dhìochuimhn' Uibhist ghrianach nan gleann uain'. https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/oran_uibhist/ Written by Donald Allan MacDonald |
|
14 Jun 21 - 09:49 AM (#4110121) Subject: RE: Lyr Add: Oran Uibhist From: RunrigFan O,'s gur tùrsach, tùrsach mi, Nam bitheadh mo dhùil ri triall À Uibhist nam beann àrda 'Sann thugad tha mo mhiann; Gur òg a fhuair mi m' àrach ann Nam phàisde beag gun chiall Is bòidheach leam do thràghannan Is gàir a' Chuain an Iar. 'S nuair thèid mi chun a' mhachaire Air feasgar samhraidh ciùin, 'S na neòineanan cho cùbhraidh 'San sùilean dùint'fon driùchd, Nuair sheallainn ri Loch Hàllainn 'Sna bric ri tràigh a'leum, Bu phailt an eala bhàn ann 'S na h-eòin a' snàmh na dèidh. 'S nuair dhìreas mi Cnoc Hàllainn 'S a sheallas mi mun cuairt, Mo chompanaich's mo chàirdean 'S cuid dhiubh a'cnàmh san uaigh; Nuair shuidhinn air a ghàrradh 'S mi coimhead far na bruaich, Mi smaointean air an t-saoghal 'Sna daoine gan toirt bhuainn. 'S their mise 'n clùi do Dhalabrog 'Sna bheil ann, sean is òg, Ged's iomadh àit' dhen t-saoghal Sam faodainn-sa bhith beò; Gur ann bu tric a bhuach'llich mi An sprèidh ri bruaich nan lòn, Is na laoigh bheag' air theadhraichean A' leum air cheann nan ròp. Ach sguiridh mi dhen òran seo 'S dhem ghòraiche gun bhuaidh - Thaobh's gu bheil an òig' agam, Cha chòir dhomh bhith fo ghruaim; 'Sged gheibhinn aois a liathadh mi 'S a bheireadh dhìom a' ghruag, Cha leig mi chaoidh a dhìochuimhn' Uibhist ghrianach nan gleann uain'. Mairi MacInnes sings these verses on her album Orosay from 2001 |
|
14 Jun 21 - 10:37 AM (#4110128) Subject: RE: Lyr Add: Oran Uibhist From: Felipa a song in praise of the isle of [South] Uist translation is given at http://www.celticlyricscorner.net/macinnes/oranuibhist.htm The song is by Donald Allan MacDonald aka Dòmhnall Ailean Dòmhnallach (1906-92) translation of Óran Uibhist (song of Uist) Oh I would be very sad indeed If I expected to go away from you Uist of the high hills Because I love you I was reared there as a very young infant Before reaching the use of reason I delight in your beaches And the roar of the Atlantic And when I go to the machair On a calm summer's evening With flowers so fragrant Closed under the dew When I look at Loch Hallan With trout rising close to the shore The white swan was plentiful there With its brood swimming close behind And when I go up to Hallan Hill And look around me I think of friends and relations Some of whom are decaying in the grave When I would sit on the wall My thoughts would be on the world And how people are being taken away from us And I will give the highest praise to Daliburgh And to all who live there, young and old Although there are many places in the world Where I could live There I often herded cattle On the banks of the pools While the little calves were tethered Leaping about at the ends of the ropes But I will end this song And my vain chatter Since I am still young I ought not to be depressed And even if I live to such an age that I become gray-headed Or even lose my hair I shall never allow myself to forget Sunny Uist of the green glens |
|
14 Jun 21 - 10:45 AM (#4110129) Subject: RE: Lyr Add: Oran Uibhist From: Felipa lyrics and translation also at https://mairimacinnes.com/pages/oran-uibhist-lyrics Màiri MacInnes singing Òran Uibhist (on youtube) |