To Thread - Forum Home

The Mudcat Café TM
https://mudcat.org/thread.cfm?threadid=5362
3 messages

LYR ADD: Oran Do Cheap Breatainn

13 Jun 98 - 05:23 PM (#30703)
Subject: LYR ADD: Oran Do Cheap Breatainn
From: Timothy Jaques tjaques@netcom.ca

Someone requested the lyrics for this Cape Breton song in another thread. Here is the full version curtesy of the Cape Breton Music List, but minus the accents which I couldn't copy. I was wrong -- the lyrics aren't traditional although I can't speak for the tune to which it is sung.

Òran Do Cheap Breatainn
Dan Alex MacDonald - Framboise, Richmond County, C.B.

 

Séist
'S e Cheap Breatainn tìr mo ghràidh,
       Tìr nan craobh, 's nam beanntan àrd';
       'S e Ceap Breatainn tìr mo gràidh,
       Tìr is àillidh leinn air thalamh.

  1  'S bho'n a tha mi anns an ám,
   Còmhnaidh ann an tìr nam beann;
   'S ged a tha mo Ghàidhlig gann,
   Ni mi rann do thìr nan gleannan.

  2  Chan urrainn dhomhsa chur air dòigh
   No chur sios le briathran beoil;
   Na tha do mhaise agus do ghlòir,
   Comhnaidh ann an tìr nam beannachd.

  3  ·it' as maisich' tha fo'n ghréin,
   Smeòraich seinn air bhàrr nan geug;
   Gobhlain-gaoithe cluich ri chéil',
   'S an nead' gléidhte fo na ceangail.

  4  Feasgar foghair ám an fheòir,
   'N uair a dhùnadh oirnn na neòil;
   Ceò na mara tighinn 'n a thòrr,
   'S e 'n a sgleò air bhàrr nam beannan.

  5  'N uair théid a' ghrian dhan àird an iar,
   'S a thig an dealt air an fhiar;
   'S binne leam guth nan ian,
   Seinn cho dian air bhàrr nam meangan.

  6  Chluinnte "bellichean" le gliong,
   Air a' chrodh ri taobh a' ghlinn';
   'S na aoigh òga stigh 's na tuim,
   'S iad fo chuing na cuileig seangaich.

  7  Anns a' gheamhradh, ám an fhuachd,
   µm nam bainnsean, ám nan luadh;
   Chluinnte gillean air cléith-luaidh,
   'S gruagaich' le guth' cruaidh 'g an leanaid.

  8  'N uair bhiodh am fùcadh ulamh réidh,
  Chuirt' an fhidheall sin air ghleus;
   Dhannsamaid air ùrlar réidh,
  Gur e "Cabar Féidh" bu mhath leinn.

  9  Chìte cailleach ghasda, chòir,
   Tighinn mu'n cuairt a thomhas a' chlò;
   An cromadh aice air a dòrn,
   'S cha robh dòigh ac' air a mealladh.

  10 'S e chuir mise nochd fo bhròn,
   Cuimhneachadh air làithean m'òig;
   Feadhainn a bhiodh leinn ri spòrs,
   Gu bheil cuid diubh nach'eil maireann.

  11 'S ged a dh'fhalbh a' chuid sin bhuainn,
   Chaithis iad dhan dachaidh bhuan;
   Ann am pàileas Rìgh an t-sluaigh,
   Far'eil sòlas, buan bhios maireann.

  12 Am Framboise fhuair mi m'àrachd òg,
   Ann an nàbachd Chloinn Mhic Leòid;
   'S tric bha sinn ri mir' is spòrs,
   Làithean sòlasach nach maireann.

  13 Chan urrainn dhomh-sa leth dhuibh ìnns',
   Na tha mhaisealachd 's an tìr;
   Stadaidh mi bho'n tha mi sgith,
   Beannachd leibh, is oidhche mhath leibh.


13 Jun 98 - 05:36 PM (#30705)
Subject: RE: LYR ADD: Oran Do Cheap Breatainn
From: Tim Jaques tjaques@netcom.ca

Note this has the thirteenth verse which was not in the Creighton-MacNeil book Gaelic Songs in Nova Scotia. The missing verse is #2 in the list above.


05 Dec 98 - 07:05 PM (#48187)
Subject: RE: LYR ADD: Oran Do Cheap Breatainn
From: Alice

refresh