Gu ma slàn a chì mi Mo chailin dìleas donn Bean a chuailein réidh air An deas a dh'éireadh fonn 'Si cainnt do bheòil bu bhinne leam An uair bhiodh m'inntinn trom 'S tu thogadh suas mo chridh' 'Nuair bhiodh tu bruidheann riùm Gur muladach a tà mi 'S mi nochd air aird a' chuain 'S neo-shunndach mo chadal dhomh 'S do chaidreamh fada bhuam Gur tric mi ort a smaointeach' As t'aogais tha mi truagh 'Is mar a dean mi d' fhaotainn Cha bhi mo shaoghal buan Tacan mu'n do sheòl sinn Is ann a thòisich càch Ri innse do mo chruinneag-sa Nach tillin-sa gu brath Na cuireadh sud ort gruaimean A luaidh, ma bhios mi slàn l Cha chùm dad idir 'uat mi Ach saighead chruaidh a'bhàis
|