'S daor a cheannaich mi an t-iasgach Seo a' bhliadhna chuir às dhomh 'S daor a cheannaich mi 'n stòp A bh' air a' bhòrd an Taigh Chladaich. Chaill mi snàmhaich a' chaolais 'S tu nach glaodhadh an t-aiseag, Agus coisiche beinne Nach bu deireadh air feachd thu. 'S ann aig Stac Beul an Àthain A bhàthadh an gaisgeach; Siud a' bheairt nach do shaoil Air an t-saoghal seo thachradh. Gun rachadh do bhàthadh Gu bràth gun chuan farsaing, No gun rachadh do mhilleadh 'S do chuid ghillean thighinn dhachaigh. 'S tha do bhreacan ùr uasal Ann an ùrlar an aigeil, 'S tha do lèine chaol bhòidheach Aig na rònaibh ga sracadh. Tha do ghàrtanan rìomhach Air ìnean nam partan, 'S tha d' fhaltan donn dualach Na chuachaibh 's na phreasaibh. Tha ruith nan tonn uaine Mu bhruaichean do leapa; Tha d' fhidheall gun ghleusadh 'S tha na teudan air glasadh. Tha do thaigh mòr gun tughadh 'S e 's dubhach liom d' aitreabh. Tha do phiuthar gun bhràthair 'S tha do mhàthair gun mhacan. Tha do bhean òg gun chèile 'S tha mi fhìn dheth gun dalta. 'S daor a cheannaich mi an t-iasgac From BBC Orain https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/s_daor_a_cheannaich_mi_n_t_iasgach/ From the singing of Christine Primrose from the album 'S Tu Nam Chuimhne - And you on my mind released in 1987 https://i.imgur.com/urPGLBX.jpg https://i.imgur.com/7nm7o7T.jpg https://cdn.shopify.com/s/files/1/0247/5213/files/COMD2024_Christine_Primrose_S_tu_nam_chuimhne.pdf?16154056427886929143 Ishbel MacAskill was only released on cassette and LP no words
|