Racel Walker from her album Fon Reul-Sholus released in 2006 Rachel Walker > Fon Reul-Sholus > Tha Na h-Uain Air An Tulaich Lyrics: English Translation: Tha na h-uain air an tulaich A' mireag san fhraoch Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr 'S tha an luingeas A' seòladh nan cuantan Bean na bainnse 's a cuideachd Don eaglais a' falbh Ise marcachd air thoiseach 'S a cruth mar an dealbh Agus gille ga leantainn Gur trom airsneulach falbh 'S a ghràidh Dol a phòsadh fear eile Aig an altair na seasamh 'S a fear-pòsda ri taobh Cur an fhàinne mu meòir Putting 'S a' toirt bòidean a ghaoil Thuirt an gill' air a shocair "Mo ghràdh dhut chan aom " Ged a tha thu Nis pòsd' aig fear eile" "Cladhaich m'uaigh," thuirt an gille "Far am faigh mise tàmh Cuir na fliùran oirr' thairis P 'S bheir an t-earrach oirr' fàs Agus sìn mi fon ghlasraich Far an laigh mi gu bràth Cha chuir nì Ach am bàs i às m'aire" Tha na h-uain air an tulaich A' mireag san fhraoch Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr 'S tha an luingeas A' seòladh nan cuantan Tha na h-uain air an tulaich A' mireag san fhraoch Tha na caorainn a fàs Agus blàth air gach flùr Thuirt an gill' air a shocair "Mo ghràdh dhut chan aom Ged a tha thu Nis pòsd' aig fear eile"
|