Fill-iù oro hù o bu tu mo chruinneag bhòidheach Fill-iù oro hù o. Dheighinn dhan a' ghealaich leat Nan gealladh tu mo phòsadh. Dheighinn leat a dh'Uibhist Far am buidhicheadh an t-eòrna. Dheighinn leat a dh'Èirinn Gu fèill nam ban òga. Dheighinn dha na rionnagan Nam biodh do chuideachd deònach. Dheighinn leat an ear 's an iar Gun each, gun srian, gun bhòtainn. Mise muigh air cùl na tobhta 'S tusa staigh a' còrdadh. Mi 'g èisteachd ris na diùcannan A' cur do chliù an òrdugh. 'S ag èisteachd ris na h-iarlachan Gad iarraidh gus do phòsadh. 'S chuala mi na ministearan A' bruidhinn air do bhòidheachd.
|