Nach fhreagair thu, Chairistiòna? [i] È hó hì ura bhì Ho ro ho ì, ó ho ro ho, È hó hì ura bhì. Nach fhreagar thu, Chairistiona? È hó, etc. [Nach fhreagair thu, chuilein dhìlis?] Nam freagradh, gun cluinninn fhìn thu, È hó, etc. Bha mi bliadhna 'n cùirt an rìgh leat [ii 'S ged chanainn e, bha mi an trì ann – Fuaigheal anairt, a’ gearradh shìoda, 'S a' cur grainn'[iii] air léinidh rìomhaich Atharraich Thug mi turas do Ghleann Comhann, 'S bha 'm muir àrd 's an caolas domhain[n] Gheàrr mi leum 's cha d’rinn mi thomhas Gun leum na h-uiseagan romham 'S thuirt iad rium nach dèanainn gnothach, Nach fhaighinn mo mhuime romham, Ceann na cèille, beul na comhairl’, Sgrìobhadh 's a leughadh an leabhar; Bhìodh na h-uaislean ort a’ tadhal Cha b’ ann gu mealladh an gnothaich. Atharraich 'S iomadh long is bàrc is birlinn Is luingeas a tha 'm beul Chaol Ìle Tighinn a dh’ iarraidh Cairistìona; Chan ann gu pòsadh mhic rìgh leat, Gus do chur 'san talamh ìseal, Fo leaca troma na dìleann. Atharraich Fhleasgaich oig na gruaige duibhe, 'S ann an nochd as mòr do mhulad; Do leannan a-staigh fo dhubhar An ciste nam bòrd air a cumadh, An dèidh na saoir a bhith 'ga dubhadh.
|