Oran an Téine le Lachlainn Mac Mhuirich, am Bard Ruadh 'S tim dhomh dol an ordugh Is teannadh ri òran Mu 'n duine rinn an dobheart Bu choire dhuinn 'aoireadh, Nuair leig e' n téin' air fogradh A mach air feadh nam frogaibh, 'S nuair chaidh e feadh na coinich Bha 'n seo feadh an t-saoighail. séist: Nach nar an sealladh e 's an Eilean, Smearsaid air feadh na beinne, Pàirceannan chuir 'n an téine Le coire chlann daoine. Bu turus na truaighe Nuair thug e 'n teine suas leis G"u"n chuir 's a' mhosgan ruadh Gus na ghual e 'n a chraoslach; Nuair fhuair an soirbheas greinn air, 'S a chaidh e anns an droighnich Chan fhaicamaid ach soills' Agus boilsgeach gach taobh dhuinn Gur e Dòmhnull Raonuill An uair sin bha 'n a eigin A teicheadh as a leine, Ag eigheach 's a' glaodhaich; Anna 's i fo ghruaman, Rannaidh an taobh shuas dhi, 'S thug Alasdair as ruaig Mar gu 'm bualach an caoch e. Sin far an robh smuid Nuair a chaidh e 's an "spruis" dhluth, Ghabh e mach air feadh a' Chùil 'S gur e 'n Grudair a dhioghail; Nuair loisgeadh air a' phàirc Is a mhilleadh am buntata, Ged theannadh iad ri bhathadh Cha b' fheirrd iad an saothair
'S ann feasgar Di-Domhnaich Bha nathraichean 'g am fogradh, Bha maighich air an rosladh, Is coin air an slaopadh; B' e sud an gnothach graineil Dh' an fhear a chuir 'n an smàl iad; Cha ghearain sinn gu brach air Bho 'n shabhail na doine 'S iomadh maigheach targhlas Bha ruith air feadh an àite, An Glagaire 'g an tarsdal, 'S e lan dhe 'n cuid gaoinne Gu 'n coinneachadh 's gach àite 'S air feadh na pàirc bhuntata, Gu 'n d' fhuair e 'n cuir an sas Ann am bathach nan caorach. 'S iomadh madadh-ruadh A bha ruith air feadh nam bruach, An iorbaill air an guaillean, Gu luath feadh an aonaich; Na fithich 's iad ag eigheach, Na rocaisean 'n an eigin, Na smeoraich iad fhéin, Thug iad reug, 's chan e 'n ioghnadh. Tha mi ann an dochas Gu 'n éisd sibh ris an òran, A' h-uile duine beò A tha comhnaidh an taobhan; Gu 'n toir sibh 'n air e 'n comhnuidh Ur gnathach a bhith doigheil, 'S gun téine chuir ri eoin Gus am pog a chuir aog oighn
|