Lyrics & Knowledge Personal Pages Record Shop Auction Links Radio & Media Kids Membership Help
The Mudcat Cafesj

Post to this Thread - Sort Descending - Printer Friendly - Home


Lyr Add: Fear A' Chota Ruaidh

RunrigFan 12 Jun 21 - 07:39 PM
Felipa 12 Jun 21 - 09:10 PM
Felipa 12 Jun 21 - 09:13 PM
Felipa 12 Jun 21 - 09:34 PM
RunrigFan 12 Jun 21 - 09:43 PM
Share Thread
more
Lyrics & Knowledge Search [Advanced]
DT  Forum Child
Sort (Forum) by:relevance date
DT Lyrics:





Subject: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh
From: RunrigFan
Date: 12 Jun 21 - 07:39 PM

Fear A' Chòta Ruaidh
Written by Donald Joseph MacKinnon

Càit' an deach an duine còir
Air 'n robh còta ruadh?
Na thill e dhachaigh chun na Cròice
Leis a' chòta ruadh?
Chan fhaca mise fear air bhòidse
Riamh air còrsa Chluaidh
Bha giùlan trusgain leth cho leòmach
Ris a' chòta ruadh.

Cha robh cotan, cainb, no fòtus
Anns a' chòta ruadh;
'S ann bha e geàrrt' a-mach à còrn
A b'fheàrr do chlòimh nan uan,
'S mo mhìle beannachd aig an tàillear
Chum 's a gheàrr 's a dh'fhuaigh
'S a dhearbh a chèard bhith air a mheòir
Nuair rinn e 'n còta ruadh.

"Shiubhail mi Uibhist mhòr an eòrna
Leis a' chòta ruadh,
Oidhche shìos an Àird na Mona
'S oidhche am Bòirnis shuas."
Cha robh talla 'n seinnt' ann òran,
'N cluinnte ceòl no duan
Nach fhaiceadh iad mo charaid còir ann -
E-fhèin 's an còta ruadh!

Ach 's iomadh miabhadh thug thu dhòmhs'
thu fhèin 's do chòta ruadh
A-mach gach oidhche nuair bu chòir dhomh
bhith sa chòs nam shuain
Eadar Bàrr an Easbuig shìos
san ear san iar 's ma thuath
'S gun dh'fhàs mi dìreach searbh gu lèor
dhiot fhein 's do chòta ruadh.

Ach dh'fhalbh sinn oidhche dhan taigh-òsta
's ghlac sinn stòp air chluais
'S gun thill sinn dhachaigh air ar dòigh às
leis na dh'òl sinn suas
Gun cluinnte mis' an Taigh 'An Ghròta
gabhail òran luaidh
'S bha botal anns a h-uile pòc'
a bh' air a' chòta ruadh.

Gun duirt e rium - "Bha 'n toiseach m' òig ann
Còmhdach air bheag snuadh,
Gun cheap, gun chirb, gun bhrèid, gun bhròig
Ach òrdagan 's iad fuar;
Ach thriall an aimsir sin gu cùl
Is thàinig tionndadh nuadh,
'S nuair dh'fhàs mi sean gun d'fhàs mi leòmach
'S fhuair mi còta ruadh."

Thug e fad na h-Oidhche Dhòmhnach
Gu trà-nòin Diluain,
Gun smaointeachadh air dol dhan chòs,
Ach tòinleagan mun cuairt,
'S mi 'g èisteachd ris a h-uile sgeul
A chualas shìos no shuas,
'S a h-uile h-aon dhiubh air mheòmhair
Aig fear a' chòta ruaidh.

Cha robh Diarmad, Fionn no Gràinne
No Garbh Mac Stàirn an duan;
Cha robh Fear-eabaid le luirg,
No Bhuilfheartach thar chuain;
Cha robh Tuathanach O' Drao,
No laoch a chualas cluas
Nach fhaighte 'n ainm 's an aithris sgeòil
Aig fear a' chòta ruaidh.

Ach guma fad fallain beò
Bhios fear a' chòta ruaidh
Gus innse sgeòil an Tìr an Eòrna,
Dùthaich chòir nam buadh;
'S ma 's e 's gun tig e cuairt gu bràth
A-nuas air àrainn Chluaidh,
Gun sìn am bàrd a làmh le deòin
Do dh'fhear a' chòta ruaidh.


Post - Top - Home - Printer Friendly - Translate

Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh
From: Felipa
Date: 12 Jun 21 - 09:10 PM

https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/fear_a_chota_ruaidh/ includes both words and link to sound file (singer Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain)

Notes on that page say that the author's sister was married to a well-known storyteller Donnchadh Dòmhnallach. When Donnchadh came from Uist to Glasgow to take part in a BBC radio programme he stayed with Dòmhnall Mac an t-Saoir, aka "Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh", and his wife Màiri NicIllFhialain. During this time, Donnchadh generally wore a red or (more likely) russet-coloured Harris tweed coat, which is commemorated in the song.

Donald Joseph MacKinnon would be Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain, so according to the BBC site "Bliadhna nan Òrain", Donald MacKinnon is the singer but not the author. The site says the author is Dòmhnall Mac an t-Saoir . Mac an t-Saoir could be Anglicised as MacAteer. Dòmhnall Mac an t-Saoir also wrote the lyrics of Óran na Cloiche


Post - Top - Home - Printer Friendly - Translate

Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh
From: Felipa
Date: 12 Jun 21 - 09:13 PM

Mac an t-Saor is Anglicised as MacIntyre


Post - Top - Home - Printer Friendly - Translate

Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chòta Ruaidh
From: Felipa
Date: 12 Jun 21 - 09:34 PM

Duncan Currie singing Fear A' Chòta Ruaidh http://tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/86746


Post - Top - Home - Printer Friendly - Translate

Subject: RE: Lyr Add: Fear A' Chota Ruaidh
From: RunrigFan
Date: 12 Jun 21 - 09:43 PM

https://open.spotify.com/track/1jdkPU0ireHQHYYhtUx3Nq

Kathleen MacInnes


Post - Top - Home - Printer Friendly - Translate
  Share Thread:
More...

Reply to Thread
Subject:  Help
From:
Preview   Automatic Linebreaks   Make a link ("blue clicky")


Mudcat time: 14 December 10:39 PM EST

[ Home ]

All original material is copyright © 2022 by the Mudcat Café Music Foundation. All photos, music, images, etc. are copyright © by their rightful owners. Every effort is taken to attribute appropriate copyright to images, content, music, etc. We are not a copyright resource.